Duaisean nan Sgrìobhadairean Ùra 2013 / Gaelic New Writers Awards 2013
Duaisean nan Sgrìobhadairean Ùra 2013
Gaelic New Writers Awards
Ann an co-bhuinn ri

Ma tha feumalachdan sònraichte agaibh a thaobh ruigsinneachd, cuiribh fios thugainn agus nì sinn ar dìcheall taic a thoirt dhuibh. Tha am fiosrachadh seo ri fhaighinn ann an riochdan eadar-dhealaichte, clò garbh nam measg, ma thèid iarraidh.
Tha sinn a’ sireadh dà sgrìobhadair tàlantach, dìcheallach airson pàirt a ghabhail san sgeama Duaisean nan Sgrìobhadairean Ùra 2013. Gheibh na Sgrìobhadairean Ùra taic‑airgid luach £2,000 a bheir dhaibh cothrom ùine a chur seachad a’ sgrìobhadh. Obraichidh sinn gu dlùth le na Sgrìobhadairean Ùra thairis air an ath bhliadhna, a’ cur air dòigh taic leasachaidh proifeiseanta agus an cothrom coinneachadh ri àidseant agus foillsichearan.
Luchdaich a-nuas an clàr-iarrtais
Ceann-latha
Dihaoine 7 Dùbhlachd 2012 (meadhan-latha)
An Tabhartas Taice
Bheir Urras Leabhraichean na h-Alba agus Comhairle nan Leabhraichean seachad taic-airgid luach £2,000, a bharrachd air taic leasachaidh proifeiseanta fa leth. Mar eisimpleir, dh’fhaodadh an taic sin a bhith a’ gabhail a-steach oideachadh bho sgrìobhadair stèidhichte, dealbhachadh leasachaidh proifeiseanta no seisean comhairleachaidh le foillsichear/àidseant. Bidh Urras Leabhraichean na h-Alba cuideachd a’ cur air dòigh cothrom dhan na Sgrìobhadairean Ùra coinneachadh ri foillsichearan agus àidseantan, agus gheibh na sgrìobhadairean cothrom an cuid obrach a leughadh aig taisbeanadh sònraichte.
Aig toiseach gnothaich, bidh trì mìosan aig na Sgrìobhadairean Ùra airson an cuid sgrìobhaidh ullachadh mus coinnich iad ri riochdairean bho Urras Leabhraichean na h-Alba agus bho Chomhairle nan Leabhraichean airson beachdachadh air an taic leasachaidh proifeiseanta a fhreagras orrasan gu pearsanta.
Slatan-tomhais
Faodaidh sgrìobhadair sam bith nas sine na 18 bliadhna tagradh a chur a‑steach, fhad ’s a tha iad a’ coileanadh nan slatan-tomhais a leanas:
-
Chan fhaod thu a bhith air nobhail, leabhar de rosg neo-fhicsean (m.e. eachdraidh-beatha) no cruinneachadh de sgeulachdan goirid no bàrdachd fhoillseachadh. Ach, ma ’s ann tro fèin-fhoillseachadh a‑mhàin a nochd do chuid sgrìobhaidh, no ma ’s ann a-mhàin ann an duanaire no iris a nochd d’ obair, faodaidh tu fhathast tagradh a chur a‑steach.
-
Feumaidh tu dearbhadh gu bheil miann làidir agad adhartas a dhèanamh ann a bhith a’ leasachadh do chuid sgrìobhaidh.
-
Feumaidh tu a bhith a’ fuireach agus ag obair ann an Alba.
Chan eil e ceadaichte dhut tagradh a chur a-steach ma tha gin dhe na puingean gu h‑ìseal a’ freagairt ort:
-
Tha thu mar-thà air Bursaraidh Sgrìobhaidh Chomhairle nan Ealain no Duais Sgrìobhadairean Ùra a chosnadh.
-
’S e sgrìobhadair a th’ annad a tha clàraichte air stòr-dàta Live Literature Funding (faodaidh sgeulaichean tagradh a chur a-steach airson taic le sgrìobhadh ma tha iad a’ coileanadh nan slatan-tomhais).
-
Tha thu an sàs ann an cùrsa foghlaim foirmeil (tha seo a’ gabhail a‑steach an sgoil, cùrsaichean oilthigh, PhD no colaiste, an dà chuid pàirt-ùine agus làn-ùine.) Ma tha thu a’ gabhail pàirt ann an sgoil shamhraidh, clasaichean oidhche no foghlam coimhearsnachd, faodaidh tu cur a-steach. Ma ghabhas tu àite air cùrsa foghlaim foirmeil rè ùine an sgeama, feumaidh tu an duais a thilleadh agus tarraing às a’ phrògram.
Measadh
Thèid tagraidhean a mheasadh le pannal air a tharraing bho riochdairean Bhòrd-stiùiridh Chomhairle nan Leabhraichean. Airson cothromachd aig ìre mheasaidh, bidh ainmean nan tagraichean air fad air an cumail dìomhair bhon phannal – chan fhaic iad ach na h‑ainmean-pinn a thagh na tagraichean. Gheibh tagraichean fios mu co‑dhùnadh a’ phannal aig deireadh an Fhaoilleach 2013.
Tagraidhean
Bu chòir tagraidhean a chur air post-d gu: claire.marchant-collier@scottishbooktrust.com.
Cuiribh ‘Duaisean nan Sgrìobhadairean Ùra’ agus ur n-ainm mar chuspair a’ phuist-d.
Bu chòir do luchd-tagraidh às aonais post-dealain, clàr-iarrtais clò-bhuailte a chur gu:
Claire Marchant-Collier
Writer Development Administrator
Scottish Book Trust
Sandeman House
Trunk's Close
55 High Street
Edinburgh
EH1 1SR
CHA BHI STUTH SAM BITH A THIG A-STEACH AIR A THILLEADH
Thèid tagraidhean a stòradh gu sàbhailte airson 6 mìosan mus tèid cur às dhaibh. Bidh do sheòladh is do phost-d air an gleidheadh air an stòr-dàta aig Urras Leabhraichean na h-Alba mura h-iarr thu oirnn an toirt dheth. Cha bhi am fiosrachadh sin air a thoirt seachad gu buidheann sam bith eile.
Ma tha ceist sam bith agaibh a thaobh an sgeama seo, cuiribh fios gu:
Claire Marchant-Collier
Urras Leabhraichean na h-Alba
0131 524 0184
Claire.Marchant-Collier@scottishbooktrust.com
no
Màiri NicCumhais, Oifigear Litreachais is Foillseachaidh
Comhairle nan Leabhraichean
0141 337 6211
| Attachment | Size |
|---|---|
| 67 KB |