gaelic

Pieces of Orange

Graham Cooper

Pìosan de dh'Orainsear
le Graham Cooper

Bha mi dìreach air ionad an fhiaclair a ruigsinn.

Bha an t-uisge ann agus cha robh àite-parcaidh ri fhaighinn.

Bha e leth uair an dèidh aon uair deug anns a' mhadainn.

B' e sin nuair a thàinig an teachdaireachd bhon taigh-altraim. An teachdaireachd ris an robh dùil agam. Dh'fheumadh i tighinn luath no mall.

Chuir mi dheth am fòn-làimhe agam. Thug mi mo leisgeulan dhan fhàiltiche aig ionad an fhiaclair agus dh'fhalbh mi.

Bha mi air tadhal air mo mhàthair an latha roimhe.

Continue reading

Eun na Nollaige | The Christmas Bird

Mòrag Law

Aig còig bliadhna dh’ aois bha eòlas agam mu-thràth air a’ bhàs.

Continue reading

Àraich: Biath ‘s Altraim | Nourish: Feed and Nurture

Rick Rennie

Tha mi air a bhith gu biadh ann an taighean-bìdh measail, taighean-òsta le còig rionnagan agus aig dìnnearan cho spaideil ri seilcheag. Uaireannan b’ e biadh air leth math a bh’ ann, uaireannan cha b’ e. Ach san fharsaingeachd, b’ e cùisean neo-àbhaisteach a bhiodh na b’ ainmeile on h-àmannan sin.

Continue reading

Keywords: 
gaelic, travel, Switzerland

Beathachadh | Nourish

Maureen NicLeòid

Ann an 2012, ghabh mi ri dùbhlan bho charaid maraton New York a dhèanamh ann an 2015.    

Airson dà bhliadhna gu leth chuir mi gu cùl m’ inntinn e, a' dèanamh beagan ruith an-dràsta ’s a-rithist, mi uaireannan cinnteach gun tachradh e, uaireannan eile den bheachd gun robh “Einnsean, Tractar agus Bhan” nas dualtaiche faighinn gu àireamh a h-aon sna clàran-ciùil!       

Continue reading

Ambrosaia agus Mousa | Ambrosia and Muse

Sandy NicDhòmhnaill Jones

Uisge son beatha gach creutair,
uisge-beatha do phòitear,
ceòl mar bhiadh gaoil don Diùc Orsino. 

Manna san fhàsach,
builean is èisg do chòig mile,
aran is fìon do dheisciopal. 

Do reudan, leabhar
do leòmainn, sìoda is clòimh
do chnuimh, feòil
do ghartain, fuil
- no do Dhracula…. 

Bainne à cìoch màthar do phàiste,
bainne agus mil do Shion
- agus do shìthein, le cròch. 

Do dhiathan, Ambrosaia.
Mousa, do bhàird.

Bitheantas – anabarr - gort….. 

Continue reading

My Family's Secret

Kathleen MacDonald

Well……………..

Let me tell you…………

I know the words of the Dark Island song.

My mother used to sing the tune to me when I was a wee girl.

I started learning songs from my mother.

She used to sing to me in Gaelic too.

I’ve got a picture of my mother on the wall next to my bed.

I remember my mother used to sing at the Mod.

I wanted to sing my mother’s favourite song today for everyone.

I don’t remember my grandfather but I heard that he wrote the words to the Dark Island song years ago.

Continue reading

Drochaid

Marcas Mac an Tuairneir

Sheas mi seo san Dàmhair;
Chaochail an aimsir os mo chionn,
Leis na duilleagan uile ’tighinn gu bàs
’S iad donn san abhainn dhomhainn.

B’ e seo mo dhrochaid;
An t-àite bh’ agam fhìn,
Far an d’ fheuch mi m’ fhigh’ air ais ri chèile,
A dh’aindeoin an leòn ‘bha fada domhainn.

Agus ò
’S aithne dhomh
Òran bròin.
Òran bròin, no dhà.

Agus ò
Seinneam ò
Òran gaoil.
Òran aotramachd an t-saoghail.

Continue reading

Keywords: 
Author Story, Poem, gaelic

Sàmhchair

Marcas Mac an Tuairneir

Cha do dh’ iarr mi thu mar nàmhaid,
B’ urrainn dhut a bhith nam charaid,
Nam faiceadh tu tron cheò
Mud choinneamh.

Dh’iarr thu orm co-choslachadh,
Cha b’ urrainn dhomh mo thàmhachadh,
Chan chluinneadh tu an ceò,
Na mo ghuth.

’S e seo an cogadh na thost;
An strì eadar iomadach loidhne
Agus stadaidh sinn an seo oir
Cha do ghabh thu idir ri mo dhòighean.

Aghaidh ri aghaidh san talla;
Chan eil air fhàgail ach sàmhchair
Nach gabhar a gleusadh.
Tha sinn nar crìonglaich
A’ chogaidh shàmhaich seo.

Continue reading

Keywords: 
gaelic, Poem, Author Story

An Rùn-Dìomhair

Rùn-dìomhair; rùn dìomhair, pearsanta?

A bheil rud sam bith a bhios nas cunnartaiche na rudeigin a tha air a chumail am falach eadar duine agus a bhean; eadar caraidean; eadar dùthchannan; is mar sin air adhart?  Ach feumaidh faoisid bhuamsa a bhith anns an sgeulachd ghoirid seo a thathar a’ sgrìobhadh dha farpais nan sgeulachdan goirid aig Urras Leabhraichean na h-Alba air a’ bhliadhna seo.

Continue reading

Benelugs

Marcas Mac an Tuairneir

Sgrìobh thu an diugh thugam
Bho Lugsamburg
Is do theachdaireachd
A’ tùirling air mo sgrìon.

Mar shneachda geal;
D’ fhaclan dorch,
Do cheumannan-cois
Dubha air a’ chuthaig.

Chuala mi an-diugh cuideachd
Mun Bhruiseil
Is sgàilean a’ sgaoileadh tro
Ruighean na Tìre ìsle sin.

Chan eil duine beò an dùil,
Ri buille bomaige,
Ach theag  gu bheil an cridhe
Coltach ris inneal sin.

An ìmpis speadhaidh,
Ge ‘s bith seachd bliadhn’,
No giorrad sheachd diog
Ron lèirsgrios iomlain.

Continue reading

Pages