brownies

Am Brùnaidh/The Brownie

Am Brùnaidh

Dè an aois a bhithinn –
               seachd, no ochd bliadhna dh’aois?
A’ seasamh dìreach
nam fhroca dhonn
               le crios ùr leathar mum mheadhan
               agus taidh bhuidhe mum amhaich
                               a’ feitheamh ri bràiste.

Cha robh agam ach ri na bòidean a ghabhail
gus an t-seamrag airgid a chosnadh.

A’ togail mo làimhe deise.
Òrdag agus lùdag paisgte nam bhois
na trì meòir eile air an cumail suas
agus mi a’ tòiseachadh…

Continue reading