Gaelic New Writers Awards 2017: Mòrag Law

Fiction

Tha mi air a bhith an sàs ann an sgrìobhadh cruthachail, an dà chuid Gàidhlig agus Beurla, airson iomadach bliadhna. Tha artaigil no dhà leam air nochdadh anns an iris Cothrom, agus chaidh sgeulachd ghoirid leam fhoillseachadh anns an iris ùr Ghàidhlig STEALL o chionn ghoirid. Dheasaich agus dh’eadar-theangaich mi cruinneachadh de dh’artaigilean Gàidhlig air an sgrìobhadh le mo mhàthair, nach maireann, airson an leabhar, Dìleab Cholbhasach (Acair, 2013).

I have been involved with creative writing, both in Gaelic and in English, for many years. I have had several articles published in Cothrom magazine, and a short story published recently in STEALL, the new Gaelic magazine. I havealso edited and translated a collection of Gaelic articles written by my late mother, for the book, Dìleab Cholbhasach / A Colonsay Legacy (Acair, 2013). 

Writing sample

Extract from An Cridhe Falamh (short story).

Cha robh Adhamh ann an cabhag èirigh oir bhitheadh an set-up uile air a dhèanamh mus ruigeadh e obair. Mar sin, thug e cead dha fhèin tighinn na dhùisg beag air bheag, mothachail air blàths sèimh an duvet ga chuairteachadh agus fionnarachd an t-seòmair far an robh a chasan a’ stobadh a-mach thairis air a’ bhobhstair.

Aig an aon àm, thàinig e a-steach air gu robh rudeigin air dhìth. Bha an duvet ga chuairteachadh ro theann, bha cus àite air fhàgail ri a thaobh anns an leabaidh agus nuair a ghluais e a cheann agus a dh’fhosgail e a shùilean, bha beàrn air a’ chluasaig eile. Rinn e mèaran agus shìn e a-mach tarsainn air an leabaidh agus b’ ann an uair sin a thàinig e na chuimhne gum b’ e seo latha eile às aonais Jenni.

Cha robh ach ceithir làithean air a dhol seachad ach bha fàileadh cùbhraidh a corp fhathast air aodach na leapa. Bu leisg leis an duvet a phutadh air falbh ach mu dheireadh thall dh’èirich e agus sheas e suas, a chasan a’ suathadh ris an leabhar a bha an laighe am measg an sgudail air an ùrlar. John Splendid  le Neil Munro, far an do dh’fhàg Jenni e, air a taobh-se den leabaidh.

B’ e an smuain aicese a bh’ ann, a bhith a’ leughadh ris, air na h-oidhcheannan dorcha grod sin nuair a bha inntinn an-fhoiseil agus riaslach agus nach fhaigheadh e cadal. Bhitheadh ise a’ leughadh dha le a guth milis, ciùin, Gàidhealach – an sgeulachd shònraichte sin mu John Splendid, a bha cho treibh agus modhail na dhòigh. Bha abairtean Gàidhlig a’ ruith mar obair-ghreis tron teacsa agus ged nach robh Jenni gan eadar-theangachadh, bha e toilichte gu leòr oir bha iad mar phàirt den draoidheachd aicese.

Mòrag says:

"Tha mi toilichte air fad an duais seo fhaighinn, gu h-àraidh leis gum bi e a’ tabhann iomadh seòrsa cothrom airson mo sgilean sgrìobhaidh a leasachadh. A chionn ’s gu bheil ceanglaichean dlùth air a bhith agam le luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig airson iomadach bliadhna, tha ùidh shònraichte agam ann a bhith a’ cruthachadh ficsean Gàidhlig a bhios nas fhosgailte dhaibhsan."

"I am delighted to receive this award, especially as it offers so many opportunities to develop my writing skills. As I have had close ties with the Gaelic learners community for many years, I have a special interest in creating Gaelic fiction which they will find accessible."