Duaisean nan Sgrìobhadairean Ùra 2018

Tha Urras Leabhraichean na h‑Alba, an co-bhuinn ri Comhairle nan Leabhraichean, a’ sireadh dà sgrìobhadair thàlantach, dhìcheallach airson pàirt a ghabhail ann an sgeama Duaisean nan Sgrìobhadairean Ùra 2018. Gheibh na Sgrìobhadairean Ùra taic‑airgid luach £2,000 an urra, a bheir dhaibh cothrom ùine a chur seachad a’ sgrìobhaidh. Thairis air an ath bhliadhna gheibh iad taic shònraichte, mar eisimpleir, stiùireadh bho sgrìobhadair stèidhichte, trèanadh airson an sgilean a leasachadh, no measadh proifeiseanta air an sgrìobhadh, agus bidh cothrom aca an cuid obrach a leughadh aig cuirm litreachais ann an Dùn Èideann.

Luchdaich a-nuas an clàr-iarrtais

 

Ceann-latha

5.00f, Diardaoin 30 Samhain 2017

 

An Tabhartas Taice

Gheibh na Sgrìobhadairean Ùra duais luach £2,000, a bharrachd air taic leasachaidh proifeiseanta fa leth. Dh’fhaodadh an taic sin a bhith a’ gabhail a-steach comhairleachadh bho sgrìobhadair stèidhichte no eòlaiche litreachais, trèanadh ann am PR agus taisbeanadh, agus an cothrom pàirt a ghabhail ann an taisbeanadh sònraichte. A thuilleadh air an sin, mar phàirt dhen duais, tha seachdain sgrìobhaidh aig Moniack Mhòr, far am bi ùine, farsaingeachd agus saorsa airson obair ùr a chruthachadh.

Aig toiseach gnothaich, bidh trì mìosan aig na Sgrìobhadairean Ùra airson an cuid sgrìobhaidh ullachadh mus coinnich iad ri riochdairean bho Urras Leabhraichean na h-Alba agus bho Chomhairle nan Leabhraichean airson beachdachadh air an taic leasachaidh proifeiseanta a fhreagras orrasan gu pearsanta agus air a’ phròiseact aca.

 

Slatan-tomhais airidheachd

Faodaidh sgrìobhadair sam bith nas sine na 18 bliadhna tagradh a chur a‑steach, fhad ’s a tha iad a’ coileanadh nan slatan-tomhais a leanas:

  • Feumaidh tu a bhith a’ fuireach ann an Alba fad rè na duaise.
  • Chan fhaod nobhail, leabhar de rosg neo-fhicsean (m.e. (fèin‑)eachdraidh-beatha no sgrìobhadh siubhail) no cruinneachadh de sgeulachdan goirid no bàrdachd leat a bhith foillsichte. Ach, ma ’s ann a-mhàin tro fèin-fhoillseachadh, no foillseachadh didseatach, no ann an leabhran a nochd do chuid sgrìobhaidh, faodaidh tu tagradh a chur a-steach. Ma ’s ann a-mhàin ann an duanaire no iris no ann an leabhar sgoilearachd (m.e. pàipearan rannsachaidh, iris acadaimigeach, leabhar teagaisg) a nochd d’ obair, faodaidh tu fhathast tagradh a chur a‑steach.
  • Feumaidh tu dearbhadh gu bheil miann làidir agad adhartas a dhèanamh ann a bhith a’ leasachadh do chuid sgrìobhaidh anns a’ Ghàidhlig.

Chan eil e ceadaichte dhut tagradh a chur a-steach ma tha gin dhe na puingean gu h‑ìseal a’ freagairt ort:

  • Tha thu mar-thà air Bursaraidh Sgrìobhaidh Chomhairle nan Ealain no aon de Dhuaisean nan Sgrìobhadairean Ùra (Gàidhlig no Beurla no Albais) no Duais an Ath Chaibideil a chosnadh.
  • Tha thu mar-thà air Bursaraidh Neach-Ealain no caidreabh no àite air mhuinntireas a chosnadh tro Alba Chruthachail, no air taic-airgid eile fhaighinn bho Alba Chruthachail no bho Chomhairle nan Leabhraichean airson do leasachadh mar sgrìobhadair.
  • ’S e sgrìobhadair a th’ annad a tha clàraichte air stòr-dàta Urras Leabhraichean na h-Alba airson Live Literature. (Faodaidh luchd-ealain agus sgeulaichean clàraichte air an stòr-data tagradh a chur a‑steach airson taic le sgrìobhadh ma tha iad a’ coileanadh nan slatan-tomhais).
  • Tha aonta foillseachaidh agad mar-thà bho foillsichear. Ma bhios àite air sgeama Duaisean nan Sgrìobhadairean Ùra air a thabhann dhut, thèid iarraidh ort daingneachadh nach eil aonta foillseachaidh sam bith agad.
  • Tha miann agad obrachadh gu sònraichte air deilbh-chluich/dràma – tha Comhairle nan Leabhraichean ag obair cuide ri Playwrights’ Studio Scotland airson taic a chur ri Sgrìobhadair Dràma Gàidhlig Ùr gach bliadhna.
  • Tha thu an sàs ann an cùrsa foghlaim foirmeil (tha seo a’ gabhail a‑steach an sgoil, cùrsaichean oilthigh, PhD no colaiste, an dà chuid pàirt-ùine agus làn-ùine). Ma tha thu a’ gabhail pàirt ann an sgoil shamhraidh, clasaichean oidhche no foghlam coimhearsnachd, faodaidh tu cur a-steach. Ma ghabhas tu àite air cùrsa foghlaim foirmeil rè ùine an sgeama, feumaidh tu an duais a thilleadh agus tarraing a-mach às a’ phrògram.
  • Tha thu nad bhall de luchd-obrach Urras Leabhraichean na h-Alba no Chomhairle nan Leabhraichean.

 

A’ cur a-steach tagradh

  • Leugh slatan-tomhais na h-airidheachd gu h-àrd gu cùramach.
  • Lìon a-steach Clàr-iarrtais Duaisean nan Sgrìobhadairean Ùra 2018, a’ gabhail fa‑near an stiùireadh na chois.
  • Cuir a-steach eisimpleir de sgrìobhadh ficsean/neo-fhicsean no bàrdachd – na cuir measgachadh dhen dà sheòrsa. Bu chòir eisimpleir a chur a-steach dhen t-seòrsa sgrìobhaidh dham biodh tu ag iarraidh taic nam faigheadh tu duais.
  • ’S e sgrìobhadh mac-meanmnach no tionnsgalach a th’ ann am ficsean, a’ gabhail a‑steach sgeulachdan goirid agus nobhailean.
  • Tha rosg neo-fhicsean sgrìobhte ann an stoidhle coltach ri ficsean ach air a chleachdadh airson sgeulachdan fìrinneach innse, m.e. cuimhneachan, cunntas siubhail agus sgeul‑beatha. Chan eil seo idir a’ gabhail a-steach leabhraichean teagaisg, leabhraichean-iùil no cunntasan eachdraidheil neo-fhicsean àbhaisteach.

Airson ficsean/neo-fhicsean, bu chòir na leanas a bhith an cois do thagradh:

  • Eisimpleir sgrìobhaidh (sa Ghàidhlig a-mhàin). Faodaidh seo a bhith air a tharraing bho sgeulachdan goirid no pìos sgrìobhaidh (nobhail no rosg) nas fhaide. (Suas ri 3,500 facal.)
  • Ma tha an t-eisimpleir air a thoirt bho pìos sgrìobhaidh nas fhaide, cuir geàrr-iomradh na chois. (Suas ri 500 facal.)
  • Cleachd clò Arial, meud 12, le beàrnan dùbailte. Feumaidh àireamhan a bhith air a h-uile duilleag, cuide ri d’ ainm-pinn (chan e d’ ainm fìor).
  • Cha bhithear a’ cleachdadh d’ ainm-pinn ach a-mhàin airson ainmean an luchd‑tagraidh a chumail dìomhair anns an fharpais seo.

Airson bàrdachd, bu chòir na leanas a bhith an cois do thagradh:

  • Eisimpleir sgrìobhaidh (sa Ghàidhlig a-mhàin). Faodaidh seo ruith gu suas ri 10 pìosan bàrdachd, gun a bhith nas fhaide na 10 duilleagan uile-gu-lèir.
  • Cleachd clò Arial, meud 12, le beàrnan singilte. Feumaidh àireamhan a bhith air a h-uile duilleag, cuide ri d’ ainm-pinn (chan e d’ ainm fìor).
  • Cha bhithear a’ cleachdadh d’ ainm-pinn ach a-mhàin airson ainmean an luchd‑tagraidh a chumail dìomhair anns an fharpais seo.

 

Measadh

Thèid tagraidhean a mheasadh le pannal air a tharraing bho riochdairean Bhòrd-stiùiridh Chomhairle nan Leabhraichean. Airson cothromachd aig ìre mheasaidh, bidh ainmean nan tagraichean air fad air an cumail dìomhair bhon phannal – chan fhaic iad ach na h‑ainmean-pinn a thagh na tagraichean. Gheibh tagraichean fios mu co‑dhùnadh a’ phannail ro deireadh an Fhaoillich 2018.

Tagraidhean

Bu chòir tagraidhean a chur air post-d gu: mairi@gaelicbooks.org le ‘Duaisean nan Sgrìobhadairean Ùra’ agus ur n-ainm mar chuspair a’ phuist-d.

 

Bu chòir do luchd-tagraidh às aonais post-dealain, clàr-iarrtais clò-bhuailte a chur gu:

 

Màiri NicCumhais

Oifigear Litreachais is Foillseachaidh

Comhairle nan Leabhraichean

32 Sràid Achadh a’ Mhansa

Glaschu

G11 5QP

 

CHA BHI STUTH SAM BITH A THIG A-STEACH AIR A THILLEADH

 

Ma bhios ceist sam bith agad a thaobh an sgeama seo, cuir fios gu:

Màiri NicCumhais, Comhairle nan Leabhraichean air mairi@gaelicbooks.org

 

 

Luchd-glèidhidh nan Duaisean

 

2010: Niall O’Gallagher (bàrdachd) & Ishi NicIlleathain (ficsean)

2011: Sandy NicDhòmhnaill Jones (bàrdachd) & Maureen NicLeòid (sgrìobhadh siubhail)

2012: Cairistìona Stone (rosg & ficsean cloinne) & Seonaidh Charity (ficsean)

2013: Iain Urchardan (ficsean) & Seònaid NicDhòmhnaill (ficsean)

2014: Calum MacLeòid (ficsean) & Steaphan MacRisnidh (ficsean)

2015: Greg MacThòmais (ficsean) & Mòrag Anna NicNèill (ficsean cloinne)

2016: Eòghan Stiùbhart (bàrdachd) & Sìne NicLeòid (ficsean)

2017: Mòrag Law (ficsean) & Marion F. Mhoireasdan (bàrdachd)