Sìne NicLeòid | Jane MacLeod

Fiction

Sgrìobh mi dealbh-chluiche airson ‘Mach ann an Deich 2014’, agus chòrd e rium uiread ’s gun chùm mi orm a’ leudachadh mo sgilean tro bhùithtean-obraich ann an sgrìobhadh cruthachail. Tha fadachd orm a‑nis mo sgeulachdan fhaicinn ann an clò. 


 

Jane MacLeod wrote a short play for the Pròiseact nan Ealan (Gaelic Arts Agency) ‘Out in Ten’ 2014 showcase and enjoyed the experience so much that she became a regular creative writing workshopper. She is now looking forward to seeing some of her stories in print.


Writing sample

Extract from the children’s story, Hàrlaidh Seanair

Bha Seanair air an ran-dan. Chluinninn an lachanaich mus do thionndaidh sinn a’ chòrnair dhan Cheàrnag Phearsabhail, agus chithinn carson cho luath ’s a ràinig sinn. Cò bha romhainn ann an sin ach an Caibideil Leòdhasaich de na Baidhgearan Hàrlaidh, agus ceann-clòimhe mar cheann-cinnidh gam brosnachadh, is e na shuidhe air am biast bhaidhg aige. Bha càch a’ suidhe nan sreath air na baidhgichean Hàrlaidh aca fhèin, cupan-pàipeir làn cofaidh aig gach duine is tè aca.

Bha Seanair mas fhìor a’ cluiche giotàr-èadhar, agus a charaid Ceanaidh a’ dèanamh atharrais air Mick Jagger. Bha Ceanaidh a’spaidsearachd ’s a’ sgailpeadh mar choileach, a’ creachadh a ghuailnean ’s a’ lùbadh a chasan spàgach na bhriogais denim, is iad cho cam ri cam. Theab mi sìoladh air an spot.

Cha robh buscairean-ciùil Dihaoine air nochdadh fhathast agus ’s e sin a bu choireach - ’s dòch’ - gu robh Seanair agus Ceanaidh cho deònach beàrn an fhèisteis a lìonadh. Thug Seanair dheth a sheacaid leathair,deiseil airson fhèithean agus a thatùthan a shealltainn dhan an t-saoghail. Bha fios agam gu robh an latha bruicheil ach, gu sealladh sealbh orm, cha leigeadh e a leas rùsgadh-aodaich a dhèanamh, ’s cinnteach? Cha robh air fo sheacaid ach simmitdubh leis an abairt, ‘Air mo bhreith airson a bhith teth’ sgrìobht’ air, le dealbh fodha de chlaigeann a bha glè choltach ris fhèin, nam biodh feusag air a bhith air. Bha an aon seòrsa bhandàna air a’ chlaigeann ’s a bh’ air fhèin cuideachd: brat nan Stàitean Aonaichte a’ falach a cheann maol …

Sìne says:

"Tha mi fortanach gun deach mo thogail ann an teas-meadhan coimhearsnachd Gàidhlig anns na h-Eileanan Siar. San latha an-diugh, tha mi air mo bhrosnachadh leis, agus measail air, an liuthad Gàidheal Ùr ann an Alba agus thall thairis a tha a’ gabhail ris an dùbhlan a th’ againn uile airson a’ chànain a chumail beò. Tha mi an dòchas mo thaic a chur ris a’ choimhearsnachd sheasmhach seo le bhith a’ togail mo ghuth tro litreachais Gàidhlig."

"It is good fortune indeed to be raised in the Hebrides with Gaelic as your mother tongue. More recently I have felt inspired by, and proud of, the many new Gaels who are bolstering the ranks of those keeping the language alive, both in Scotland and overseas. I hope to serve our global collective to the best of my abilities by adding to the canon of modern Gaelic literature."