Looking for all Articles by Abi Baross?
Far an robh mi nuair a rinn sinn subhachas – moladh sgrìobhaidh mothachail
Creative writing exercises based on the theme of Celebration
Tha e air a ràdh mòran tursan thar na bliadhna mu dheireadh – tha sinn beò ann an àm aig nach eil coimeas. Tha sinn uile a’ coimhead air adhart ri deireadh a’ ghalair-sgaoilte, gus an urrainn dhuinn subhachas a dhèanamh còmhla ri ar càirdean gaolach, ach bidh sinn cuideachd a’ comharrachadh buaidh fhaighinn air a’ bhìoras mar choimhearsnachdan agus le chèile tarsainn a’ cho-chomainn fharsaing.
Bu mhath leinn nan innseadh sibh dhuinn mur cuimhneachain air subhachas a bh’ ann roimhe agus a chaidh a roinn tarsainn choimhearsnachdan – a bheil cuimhne agaibh air latha V.E. no an laighe air a’ ghealaich? An robh thu aig pàrtaidh sràide airson an Iubailidh Airgid no Òir? Ciamar a rinn thu subhachas nuair a chaidh pòsadh co-sheòrsach a dhèanamh laghail no nuair a thàinig Balla Bherlin a leagail, no nuair a chaidh Nelson Mandela a leigeil a-mach às a’ phrìosan? An robh thu a-riamh aig seirbheis fosglaidh nan Geamannan Oilimpigeach no a’ Cho-Fhlaitheis? A bheil an sgioba agad a-riamh air buaidh a chomharrachadh le draibheadh tron bhaile agad ann am bus le mullach fosgailte?
Eacarsaich Blàthachaidh – Banca Fhacail
Smaoinich air àite air a bheil thu eòlach – dh’fhaodadh gur e an seòmar-suidhe agad a th’ ann, am bus gad thoirt don sgoil no gu d’ obair, oifis no bùth an oisein – agus sgrìobh sìos e aig mullach na duilleig no a’ phàipeir agad.
Dèan liosta de fhacail a tha a’ tighinn gu d’ inntinn nuair a smaoinicheas tu mun àite seo. Dè as urrainn dhut fhaicinn agus a chluinntinn? Dè am fàileadh a tha thu a’ faireachdainn agus cò ann as urrainn dhut suathadh? A bheil e soilleir no doilleir? Sàmhach no làn còmhraidh? Feuch ri smaoineachadh mu dheidhinn do chiadfathan uile mar a bhios tu a’ cur an liosta ri chèile.
A bheil aon sam bith de na facail air an liosta agad a’ dol an aghaidh a chèile? A bheil gin dhiubh a’ dèanamh paidhreadh inntinneach, no a’ cur iongnadh ort? A bheil iad a’ dùsgadh faireachdainn sònraichte no àile?
Dian-lorg - mòmaidean a chomharraich thu
Dèan liosta de mhòmaidean cultarach sònraichte tro bheil thu air a bhith beò agus air an d’ rinn thu subhachas. Dh’fhaodadh iad sin a bhith mar chomharrachadh air pòsadh co-sheòrsach a dhèanamh laghail, dèanamh aighear nuair a bhuannaich an sgioba agad an cupan, no a’ coimhead Niall Armstrong a’ coiseachd air a’ ghealaich.
Smaoinich air dè tha cumanta eadar na tachartasan a th’ agad air an liosta agus mar a tha iad diofraichte. Cò aca as pearsanta a tha a’ faireachdainn dhut, no as cudromaiche nad bheatha? Càite a bheil thu a’ smaoineachadh a bhiodh tu fhèin no an co-chomann mura robh na tachartasan sin air tachairt?
Tòisich a sgrìobhadh
A-nis tha an t-àm ann brosnachadh a ghabhail bhon bhanca fhacail agad agus bhon dian-lorg, agus tòisich a’ sgrìobhadh! Tagh mòmaid no tachartas cultarach a chomharraich thu air an cuimsich thu, agus dèan cinnteach gun smaoinich thu mu eòlas mothachail an t-subhachais agad. Dh’fhaodadh am pìos agad a bhith air a structaradh mar innteart leabhar-latha, dàn no sgeulachd ghoirid.
Brosnachadh
Tha an làrach seo(this link will open in a new window) a’ tional chuimhneachain air Live Aid bho dhaoine air feadh an t-saoghail – iadsan a bha ann gu corporra, agus iadsan a bha ga choimhead bhon t-seòmar-suidhe aca.