Looking for all Articles by Nyla Ahmad?

Sanas sgrìobhaidh: A' Lorg m' Àite

Language: Gaelic

Last updated: 29 March 2023

Is e mòmaid mhìorbhaileach a th' ann nuair a tha thu a' lorg àite anns a bheil thu a' faireachdainn buntainneas. Tha gach neach airidh air àite far a bheil iad a' faireachdainn aig fois, cofhurtail agus comasach air a bhith saorsainneil. Airson pròiseact Sgeulachdan na h-Alba am bliadhna seo, tha sinn ag iarraidh air muinntir na h-Alba na sgeulachdan beatha aca mu lorg àite, innse dhuinn.

Càite a bheil an t-àite far a bheil thu a' faireachdainn saorsainneil? Ciamar a lorg thu e, agus ciamar a bha fios agad nuair a bha thu ann? An e dealbh-tìre a th' ann, togalach, buidheann dhaoine no cànan? Ge 'r bith càite a bheil an t-àite agad, tha sinn airson do sgeulachd a chluinntinn.

Blàthachadh: Àiteachan làitheil

Smaoinich air na h-àiteachan a tha thu a' faicinn bho latha gu latha. Dh'fhaodadh gur e bùithtean no togalaichean air am bi thu a' siubhal seachad gu cunbhalach. Dh'fhaodadh gur e àiteachan san dachaigh agad far am bi thu a' dèanamh do dhleastanasan làitheil. Dh'fhaodadh gur e cuairt coiseachd a bhios tu a' gabhail aig àm saor no an t-àite sam bi thu a' dèanamh nithean àbhaisteach mar ghlanadh d' fhiaclan no a' dèanamh deiseil airson d' obair.

Smaoinich air aon no dhà de na h-àiteachan agus feuch ri na nithean uile air an cuimhnich thu a sgrìobhadh sìos. Cò ris a tha an t-àite seo coltach? Ciamar a tha e a' toirt ort a bhith a' faireachdainn? Smaoinich ann an doimhneachd air na h-àiteachan tro bheil thu a' dol agus feuch ri ‘n glacadh nad fhacail fhèin. An ath thuras a thèid thu seachad air aon de na h-àiteachan sin, coimhead air le sùilean ùra.

Dian-bheachd

Coimhead tron rola camara air a' fòn agad no lorg pasgan dhealbhan agus dèan liosta de na h-aiteachan a tha a' nochdadh tric. Smaoinich air na daoine a tha a' nochdadh tric sna h-ìomhaighean sin. Càite a bheil na h-àiteachan as trice a tha a' nochdadh nad chuimhneachain? Dè na dealbhan a tha a’ toirt fois agus cofhurtachd dhut?

Tagh còig dealbhan agus sgrìobh paragraf mu gach aon, a' mìneachadh carson a tha thu san àite sin agus na chunnaic thu, na dh'fhairich thu agus na chuala tu. Sgrìobh mu dheidhinn cò a bha còmhla riut. A bheil na h-àiteachan sin a' faireachdainn sònraichte dhut? A bheil na daoine a tha a' nochdadh sna h-ìomhaighean sin gad fhàgail a' faireachdainn sàbhailte? Ciamar a tha na h-ìomhaighean sin ag innse sgeulachd mud dheidhinn?

Tòisich a' sgrìobhadh

Caillte agus lorgte

Smaoinich air rudeigin a chaill thu no air an do smaoinich thu aig àm nuair a tha thu a’ faireachdainn caillte. Ma tha thu a' smaoineachadh air rud caillte, sgrìobh mu dheidhinn a bhith ga chall no mar a bhiodh tu a' faireachdainn nan lorgadh tu a-rithist e. Ma tha thu a' smaoineachadh air àm nuair a bha thu caillte, sgrìobh mu dheidhinn mar a fhuair thu do shlighe dhachaigh. Dh'fhaodadh tu am pìos seo a sgrìobhadh bhon sealladh agad fhèin no bho shealladh an rud a tha caillte no an t-àite san robh thu air chall.

Lorg mo choimhearsnachd

Smaoinich air na coimhearsnachdan agus na h-àiteachan ris a bheil thu a' faireachdainn buntainneas. Dh'fhaodadh gur e club co-cheangailte ri gnìomhachd no coimhearsnachd nas motha leis a bheil thu a' roinn fheartan, le mar eisimpleir, a' choimhearsnachd LGBTQ+. Dh'fhaodadh e a bhith mar choimhearsnachd a tha ùr dhut ach ris a bheil thu fhathast a' faireachdainn buntainneas. Sgrìobh mu dheidhinn a bhith a' lorg an coimhearsnachd seo, mar a bha thu a' faireachdainn nuair a lorg thu i agus mar a fhuair thu faireachdainn de bhuntainneas.

An t-àite is fheàrr leam

A bheil àite, coimhearsnachd no buidheann de dhaoine a tha gun a lorg fhathast ach a tha thu gun an dòchas a chuireadh fàilte ort? A bheil turas agad air fàire a dh'fhaodadh a bhith na àite sam biodh tu dha-rìribh a' faireachdainn cofhurtail agus aig fois? Sgrìobh mu do dhòchasan airson an àm ri teachd agus feuch ri iomradh a dhèanamh air an àite sònraichte seo a tha thu gun a lorg fhathast. Dh'fhaodadh tu seo a sgrìobhadh mar chunntas air mar a bhios tu a' faireachdainn nuair a bhios tu ann. Mar eisimpleir, 'Nuair a lorgas mi an neach a tha mi air a bhith a' sireadh, bidh mi air mo dhòigh.' No dh'fhaodadh tu a sgrìobhadh mar litir thugad fhèin san àm theachdail: 'Mi fhìn chòir, O chionn beagan bhliadhnaichean, cha bhithinn gu bràth air smaoineachadh gum bithinn a' faireachdainn cho toilichte agus aig fois'.