Looking for all Articles by Gordon Connelly?

Sanas sgrìobhaidh: Daoine cliùiteach sa choimhearsnachd

Language: Gaelic

Last updated: 29 March 2023

Tha innse sgeulachdan na phàirt fuaighte de dhearbh-aithne nàiseanta na h-Alba. Tha na sgeulachdan a tha sinn ag innse agus cò dha a dh'innseas sinn iad, nam pàirt bunaiteach d’ ar beatha.

Bho chuimhneachadh nan uirsgeulan a thàinig a-nuas thugainn bhon teaghlach, na mòmaidean far an do thuig sinn fhèin nas fheàrr, no na h-àiteachan, daoine agus coimhearsnachdan a chuidich sinn a' lorg dachaigh, tha sgeulachdan gar ceangal rinn fhìn agus ri na daoine mun cuairt oirnn.

Nuair a smaoinicheas sinn air na sgeulachdan a tha air a bhith nam pàirt mhòr d’ ar beatha, tha deagh theans ann gur ann bho daoine cliùiteach a thàinig iad Anns a h-uile coimhearsnachd tha daoine ann a thèid mìle a bharrachd; iadsan aig a bheil buaidh sònraichte air beatha dhaoine air dhòigh air choireigin. Daoine a tha a' brosnachadh chàich gu bhith beò ann an dòigh a tha brìgheil dhaibh no bhith a' rannsachadh am faireachdainnean.

Blàthachadh

Dèan trì colbhan air pìos pàipeir. Sa chiad cholbh, sgrìobh ainmean dhaoine a thug buaidh mhòr ort fhèin no air do choimhearsnachd thar nam bliadhnaichean. San dàrna colbh, dèan liosta de chuid de na feartan a tha a' dèanamh nan daoine sin sònraichte (an gnìomhan coibhneis, obair gun sguir, sealladh brosnachail air beatha). San treas colbh, sgrìobh sìos cuid de na mòmaidean a thug na feartan sin stiùir dha do bheatha fhèin.

Dian-bheachd

Tha an t-àm ann cuimseachadh air na rudan sònraichte sna mòmaidean air an do smaoinich thu. Carson a bha iad cudromach? Carson a dh'fhuirich iad nad chuimhne? Is dòcha gun do stiùir eòlas agus coibhneas leabharlannaiche ionadail thu chun an leabhar is fheàrr a leugh thu riamh. An do bhrosnaich deimhinneachd agus creideas an tidsear is fheàrr leat annad fhèin thu gu gnìomh mòr a choileanadh?

Feuch ri smaoineachadh mu cuid de na suidheachaidhean agus sgrìobh sìos beagan fhacail, ìomhaighean no seantansan a tha a' tighinn thugad.

Coimhead air ais

Coimhead air adhart

Na thlachd an-dràsta

Tòisich a' sgrìobhadh

A-nis, le fios mu cò air bu mhath leat cuimseachadh, tha an t-àm ann tòiseachadh a sgrìobhadh!

Co-dhùin dè an sealladh bho bheil thu a' sgrìobhadh. An cruthaich thu e bho sealladh nas tràithe dhìot fhèin gus am faireachdainn no an aighearrachd àrdachadh? No mas fheàrr leat a bhith nas meòrachail agus nas dlùithe, dh'fhaodadh tu feuchainn ri litir a sgrìobhadh.

Ma tha na h-ìomhaighean a th' agad co-cheangailte ris an duine cliùiteach seo gu h-àraid beòthail, carson nach fheuch thu ri sgeulachd a ghlacadh tro chruth comaig?