Looking for all Articles by Abi Baross?
Sanas sgrìobhaidh: Ruighinn dhachaigh
Dè tha a' toirt air àite a bhith a' faireachdainn mar dhachaigh? Ciamar a tha thu a' cruthachadh dachaigh dhut fhèin? Ach, ge 'r bith ciamar a fhuair thu thu fhèin ann an Alba, eadar gu bheil thu air a bhith a' fuireach an seo fad do bheatha no gu bheil thu nad Albannach ùr, b' fhìor thoil leinn do sgeulachdan beatha a chluinntinn mu mar an do ‘thog’ thu d’ dhachaigh no mar a rinn thu do dhachaigh ann an àite.
Eacarsaich blàthachaidh: Sealbhan prìseil
Dè an sealbh as prìseile a th' agad? Dh'fhaodadh gur e rud a th' ann a chaidh a thoirt dhut no a fhuair thu mar dhìleab, rudeigin a rinn thu no a cheannaich thu dhut fhèin, no rud a tha a' riochdachadh rudeigin nas motha. Smaoinich air an rud seo cho soilleir 's a ghabhas no cuir e air do bheulaibh, ma ghabhas sin dèanamh.
Seat gleoc airson còig mionaidean agus sgrìobh gu saorsainneil mun rud. Na dubh nì sam bith às no na leugh dè a sgrìobh thu gus am bith na còig mionaidean seachad. Tha seo dìreach gus d' inntinn agus do pheann a ghluasad – na gabh dragh mu dheidhinn a bheil e 'math' no nach eil! Cleachd do chòig mhothan gus d’ inntinn a chumail air a' chuspair ma dh'fhairicheas tu thu fhèin a' dol air seachran. Dè am fàileadh a th' air agus cò ris a tha e coltach? Ciamar a tha e a' faireachdainn a thaobh blas agus fuaim?
Aig deireadh nan còig mionaidean, leugh thairis air na sgrìobh thu. A bheil nì sam bith a' cur iongnadh ort? A bheil nì sam bith a tha a' toirt ort smaoineachadh mun rud ann an dòigh ùr? A bheil na sgrìobh thu a' taisbeanadh nì sam bith mud dheidhinn no mu d’ fhaireachdainnean? Smaoinich air sunnd agus tòna an sgrìobhadh agad – a bheil gluasad-inntinn no faireachdainn sònraichte a' tighinn troimhe?
Dian-bheachd: Smaoineachadh air 'dachaigh'
Smaoinich air dè tha 'dachaigh' a' ciallachadh dhut. Dh'fhaodadh gur e measgachadh de dhiofar àiteachan, daoine agus faireachdainnean. Càite a bheil na diofar àitichean ris an can thu dachaigh? Dè a thug thu leat do gach diofar àite, agus dè a lorg thu an sin? Dè bhuaidh a th' aig d' fhaireachdainn air 'dachaigh' nuair a thig e gu lorg d' àite san t-saoghal?
Cleachd puingean gus rudan a sgrìobhadh sìos a thig gu d’ inntinn nuair a smaoinicheas tu mun fhacal 'dachaigh'. Thoir sùil air an liosta agad nuair a bhios tu deiseil agus feuch ri na puingean agad eagrachadh ann an seòrsaichean – faireachdainnean, àiteachan, daoine, nithean, is eile. Cuidichidh na liostaichean sin thu le tòiseachadh air do sgeulachd a sgrìobhadh agus bheir e dhut in-shealladh do na h-eileamaidean a dh'fhaodadh a bhith nas cudromaiche dhut.
Tòisich a' sgrìobhadh!
Tha an t-àm ann peann a chur ri pàipear agus do sgeulachd a sgrìobhadh. A' cleachdadh d' eòlasan fhìor-bheatha, sgrìobh mu dheidhinn a bhith a' dèanamh àiteigin na dhachaigh dhut fhèin, agus na tha no a bha sin a' ciallachadh dhut. Dh'fhaodadh tu do sgrìobhadh a chuimseachadh air rud fa leth mar a rinn thu sna h-eacarsaichean blàthachaidh – dh'fhaodadh gur e rudeigin a thug thu leat bho dachaigh gu dachaigh no rudeigin ùr a lorg thu, a tha a' riochdachadh an àite a rinn thu dhut fhèin.
Eadar gun robh thu a' fuireach an seo fad do bheatha, air a thighinn an seo nad leanabh no ma tha thu nad Albananch ùr, dh'fhaodadh tu smaoineachadh mu na tha thu air a lorg an seo agus mar a tha Alba air buaidh a thoirt air na faireachdainn agad dhiot fhèin, agus d' fhaireachdainn mu dachaigh.