Looking for all Articles by Nyla Ahmad?

Sanas sgrìobhaidh: Sgeulachdan tùsail

Language: Gaelic

Last updated: 29 March 2023

Is e sgeulachdan tùsail na sgeòil a tha gad dhèanamh mar a tha thu. Chan eil diofar cò às a tha thu, tha sgeulachdan againn uile a tha a' mìneachadh mar a thàinig sinn gu bhith mar a tha sinn a-nis. No aithne a bhith againn air na sgeulachdan mìneachaidh iadsan a tha mun cuairt oirnn.

Tha mòran dòighean air sgeulachd tùsail innse. Dh'fhaodadh do sgeulachd tùsail a bhith a' leantainn prìomh-choltas de thùs àrd-ghaisgeach, far an do lean latha eachdraidheil no tachartas brònach gu rudeigin gaisgeil, air a lìonadh le caractaran brìgheil agus mòmaidean cuimhneachail. Dh'fhaodadh do sgeulachd tùsail a bhith nas sòlamaichte cuideachd, ath-chuimhneachadh socair air a bhith air atharrachadh gu bràth. Ge 'r bith dè an dòigh a roghnaicheas tu do sgeulachd tùsail innse, seo cuid de eacarsaichean sgrìobhaidh gus do chuideachadh a' tòiseachadh.

Blàthachadh: Pearsaich rudan

Coimhead timcheall air d' àite agus tagh còig rudan. Airson gach rud, beachdaich air feum practaigeach agus mar a bhiodh e ag obrachadh. An uair sin beachdaich air a' phearsa a dh'fhaodadh a bhith aig na rudan sin, dh'fhaodadh seo a bhith mu dheidhinn na rudan is toil agus nach toil leotha, amasan an latha no mar a tha iad a' faireachdainn. Sgrìobh paragraf goirid airson gach rud, agus smaoinich air mar a dh’obraicheas iad còmhla. Dè tha a' dèanamh na rudan sin sònraichte agus gun choimeas? Dè an sgeulachd a dh'fhaodadh tu a thoirt dhaibh?

Mar eisimpleir: Bha Tòmas am flasg a' faireachdainn gu math ìosal an-diugh. Bha a cheap a bha rudeigin cam, a' dèanamh dragh dha. Bha e a' leigeil a-mach beagan èadhair theth. 'Chan urrainn dhomh seo a chreidsinn!' sgreuch Tòmas. 'Tha i air a dhèanamh a-rithist!'

Dian-bheachd: Na còig bliadhna mu dheireadh

Meòraich air na còig bliadhna mu dheireadh de d’ bheatha agus beachdaich air na mòmaidean a bha sònraichte. Sgrìobh seantans airson gach bliadhna a tha thu a' riochdachadh. Dh'fhaodadh gur e cuimhneachan no mòmaid shònraichte no dh'fhaodadh gur e loidhne a th' ann a tha a' toirt geàrr-iomradh air a’ bhliadhna air fad. Aon uair 's gu bheil thu air loidhne a sgrìobhadh airson gach aon de na còig bliadhnaichean mu dheireadh, beachdaich air blocaichean ùine eile dham faodadh tu na loidhnichean sin a sgrìobhadh. Dh'fhaodadh tu seantans an urra a sgrìobhadh airson na ciad còig bliadhnaichean dha d’ bheatha, agus iad sin a sgrùdadh airson mòmaidean sònraichte nad sgeulachd tùsail. Dh'fhaodadh tu cuideachd seantans an urra a sgrìobhadh mu na dòchasan airson an ath chòig bliadhna dhe d’ bheatha.

Tòisich a' sgrìobhadh

Le Àrd-Chumhachd Thig Àrd-Uallach

Tha na facail seo glè aithnichte don mhòr-chuid de luchd-leantainn Spider-Man mar a' chomhairle ghlic a thugadh do Pheadar Parker aig àm cudromach na chuairt. Smaoinich air abairt a dh'innis cuideigin dhut uaireigin agus a' bhuaidh a bh’ aige air do bheatha. Dh'fhaodadh tu an abairt seo a chleachdadh mar a chiad loidhne den sgeulachd agad.

Mar eismpleir: Thuirt mo mhàthair rium uaireigin 'na bi a' dèanamh dad gus am bi thu cinnteach . . .'

Mòmaid

Smaoinich air mòmaid a dh'atharraich do bheatha. Dh'fhaodadh gur e rudeigin mar breith pàist’ a bh' ann no an latha a thuirt thu 'Tha mi'. Dh'fhaodadh e a bhith na mhòmaid aig an robh buaidh leantainneach air do bheatha, leithid a’ dol a-steach do bhùth agus a' coinneachadh ri cuideigin ùr no cuideigin nach fhaca tu o chionn fhada. Aon uair 's gu bheil do mhòmaid agad, feuch ri iomradh cho math 's a ghabhas a dhèanamh air. Sgrìobh pìos goirid mu gach rud air a bheil cuimhne agad fhaicinn, faireachdainn no cluinntinn aig a’ mhòmaid sin.

Sgeulachd tùsail

Sgrìobh do sgeulachd tùsail fhèin ann an stoidhle leabhar comaig. Dèan cliath naoi-phannal le bhith a' roinn duilleig phàipear A4 le trì loidhnichean tarsainn agus trì dìreach. Dealbhaich dè tha a' tachairt anns gach pannal agus teacsa sam bith a tha leis. Faodaidh an teacsa nochdadh ann am builgnean cainnt ma tha daoine a' còmhradh no ann am bogsa teacsa gus a chleachdadh mar aithris.