Looking for all Articles by Rachel Gray?

Molaidhean Sgrìobhaidh Sgeulachdan Alba: Càirdeasan coimhearsnachd

Moladh air a bhrosnachadh le Sgeulachdan Alba: Iomairt càirdeis

Last updated: 31 March 2025

Tha Urras Leabhraichean na h-Alba ag iarraidh air daoine air feadh Alba an sgeulachdan Càirdeis fìor agus pearsanta fhèin a chur a-steach. Cleachd am moladh sgeulachd seo gus do sgeulachd a bhrosnachadh agus beachd-smuaintean air nithean fhaighinn mum faod thu sgrìobhadh. 

Gus do sgeulachd a chur a-steach, theirig chun na duilleig seo.

Càirdeasan coimhearsnachd (bàrdachd cros-dhànach)

Is iad sin na càirdeasan a rinn sinn bho na h-adhbharan as cudromaiche dhuinn. Eadar gur e sin tagradh airson co-ionannachd, obair shaor-thoileach aig taigh cùraim ionadail no a’ chuairt nàdair mhìosail a bhios sinn a’ dèanamh còmhla ri daoine coltach rinn fhìn, tha ceangal le daoine mun cuairt oirnn a’ toirt adhbhar dhuinn agus a’ cuimhneachadh dhuinn gu bheil sinn nar pàirt de rudeigin nas motha. 

“Chan urrainn dhut fuireach nad oisean den choille a’ feitheamh ri càch a thighinn thugad. Feumaidh tusa a dhol thucasan uaireannan.” -  A.A. Milne

Cuidichidh an eacarsaich sgrìobhaidh seo thu leis a’ chàirdeas a fhuair thu tro adhbharan is eòlasan co-roinnte, a rannsachadh tro bhàrdachd cros-dhànach. Is e bàrdachd cros-dhànach, dàn far a bheil a’ chiad litir de gach loidhne de bhàrdachd a’ litreachadh facal nuair a leughas tu e sìos is suas seach tarsainn. 

Dian-bheachdachadh – Mapa inntinn

Airson tòiseachadh, blàthaich thu fhèin agus d’ eanchainn. Faigh pìos pàipeir falamh agus sgrìobh coimhearsnachd sa mheadhan aige. Mas fheàrr leat liosta, cuir Coimhearsnachd mar cheann air an duilleig. 

An uair sin, tòisich a sgrìobhadh nam facal agus nam smuaintean uile a thig a-steach nad cheann. Dh’fhaodadh gur e sin buidhnean do am buin thu; coimhearsnachdan dha bheil thu a’ faireachdainn com-pàirteach. Is dòcha liosta de dhaoine air a bheil thu a’ coimhead mar charaidean a rinn thu tro na ballrachdan sin. 

Cleachd tìmear airson 5 mionaidean de sgrìobhadh saor. Na gabh dragh mu litreachadh no gràmar, dìreach amais air nas urrainn dhut de fhacail agus abairtean fhaighinn a tha co-cheangailte ri do choimhearsnachdan agus na ceanglaichean a tha thu air a dhèanamh le càch, fhaighinn air an duilleig.  

Blàthachadh

Coimhead ris na facail is abairtean a tha thu air a sgrìobhadh sìos san t-seisean dian-bheachdachaidh. A bheil gin dhiubh a’ leum a-mach? A bheil coimhearsnachd shònraichte nad eanchainn gu bheil thu a’ dol air ais? No neach sam bith nach b’ urrainn dhut stad a sgrìobhadh mu dheidhinn?

Cuimsich air an àite sin. Tòisich air smaoineachadh mu eòlas càirdeis a bha agad sa choimhearsnachd. No mòmaid far an do chuir caraid taic riut le gnìomhan no facail. Ciamar a bha thu a’ faireachdainn aig an àm sin? Dè bha do chiadfathan a’ faireachdainn? Dè b’ urrainn dhut fhaicinn, a chluinntinn, a bheantainn no dè am fàileadh, am blas a dh’fhairich thu?

Dàn Cros-dhànach

Tha dàn cros-dhànach air a dhèanamh suas de loidhnichean de bhàrdachd far a bheil a’ chiad litir de gach loidhne a’ litreachadh facal sìos is suas seach tarsainn. 

Faodaidh e a bhith cuideachail facal a thaghadh gus am pròiseas sgrìobhaidh a thòiseachadh, ’s dòcha ainm a’ bhuidhinn no ainm na coimhearsnachd do am buin thu? No ainm a’ charaid ris na choinnich thu tron bhuidheann? No tachartas gu an deach sibh còmhla.

Mura h-obraich sin, feuch ri beagan loidhnichean de bhàrdachd a sgrìobhadh gun dragh sam bith a thoirt don chiad litir den loidhne. Ciamar a tha seo a’ faireachdainn? A bheil abairtean no loidhnichean sam bith a tha a’ seasamh a-mach dhut? Feuch ri dhol air ais gu an fhacal dhìreach, a bheil feum aige air atharrachadh no air beagan atharrachaidh? 

Cuimhnich air smaoineachadh mun chàirdeas a rinn thu, agus na h-eòlasan is taic a fhuair thu bhon neach shònraichte seo, agus na ceanglaichean a tha thu air a thogail.