Looking for all Articles by Gordon Connelly?
Molaidhean Sgrìobhaidh Sgeulachdan Alba: Càirdeasan gun Dùil
Moladh air a bhrosnachadh le Sgeulachdan Alba: Iomairt càirdeis

Tha Urras Leabhraichean na h-Alba ag iarraidh air daoine air feadh Alba an sgeulachdan Càirdeis fìor agus pearsanta fhèin a chur a-steach. Cleachd am moladh sgeulachd seo gus do sgeulachd a bhrosnachadh agus beachd-smuaintean air nithean fhaighinn mum faod thu sgrìobhadh.
Gus do sgeulachd a chur a-steach, theirig chun na duilleig seo
Càirdeasan gun Dùil
Uaireannan faodaidh càirdeas nochdadh à àite sam bith. Cha robh sinn ga phlanadh, no ga shireadh, ach dìreach gun do thachair e. Agus gu h-obann, tha thu air ceangal a dhèanamh ri cuideigin a tha thu a’ faireachdainn air an robh thu eòlach fad do bheatha. ’S dòcha gun robh e an dèidh dhut gluasad gu àite ùr, no air do dhreuchd atharrachadh no air tòiseachadh air cur-seachad ùr. Tha ceanglaichean gun dùil làidir, ag ath-bheòthachadh ar beatha, a’ toirt dhuinn dìoghras is adhbhar ath-nuadhaichte.
“Dh’fhaodadh gum bi caraid a’ feitheamh air cùlaibh aodann srainneir.” – Maya Angelou
Blàthachadh: Sgrìobhadh saor
Gus blàthachadh airson an eacarsaich seo, faigh duilleag pàipeir agus cleachd tìmear airson dà mhionaid. Smaoinich air a’ mhòmaid mu dheireadh de chàirdeas a bh’ agad agus sgrìobh nì sam bith a thig nad inntinn airson an ath dhà mhionaid. Na bi ga atharrachadh fhad ’s a tha thu a’ dol air adhart, dìreach sgrìobh na facail a tha a’ tighinn nad inntinn. Uaireannan, tha e math gun smaoineachadh cus mu dheidhinn na tha sinn a’ sgrìobhadh agus dìreach na facail fhaighinn air an duilleig, a’ leigeil leis na facail dòrtadh a-mach mar a bhios iad uaireannan ann an labhairt ri caraid do an urrainn dhuinn rud sam bith innse. Aon uair ’s gu bheil thu air an eacarsaich a chrìochnachadh, faodaidh tu a dhol air ais thuige agus facail no abairtean inntinneach a thogail a-mach. Faodaidh tu an eacarsaich seo a dhèanamh a-rithist le caraid eile nad inntinn.
Dian-bheachdachadh: Dè tha gan cumail a’ dol?
A-nis, smaoinich air dlùth-charaid. Dh’fhaodadh gur e seo caraid ris na thachair thu gun dùil, no cuideigin ris nach robh dùil agad a bhith cho càirdeil. Smaoinich air na feartan speisealta aig do charaid – dè an t-aodach a bhios iad a’ cleachdadh, cò ris a tha iad coltach, dè an t-àite as coltaiche san lorg tu iad? Sgrìobh liosta de na buadhan sin agus feartan speisealta sam bith eile. A bheil peata aig do charaid, briosgaid as fheàrr leotha no cleachdadh annasach a tha inntineach. Aon uair ’s gu bheil an liosta agad, sgrìobh mu dheidhinn mar a bhios tu fhèin agus do charaid a’ dèanamh coimeas agus eadar-dhealachadh. Dè tha cumanta don dithis agaibh agus dè na dòighean sa bheil sibh eadar-dhealaichte?
Tòisich a sgrìobhadh: Sgrìobhadh Iris
Faodaidh cumail iris a bhith na dhòigh fìor mhath air coimhead air ais air mòmaidean cudromach nad bheatha, gu h-àraid feadhainn nach do shaoil thu a bhiodh cho mòr ag atharrachadh do bheatha. Faodaidh e a bhith na àite cuideachd air d’ fhaireachdainnean a ghiullachd gun eagal gun leugh cuideigin eile iad. Don eacarsaich seo, sgrìobhaidh tu pìos san iris mu do charaid. Dh’fhaodadh e a bhith mu dheidhinn latha sònraichte nur càirdeas, no pìos meòrachail air mar a tha an càirdeas air toirt ort a bhith a’ faireachdainn. Dh’fhaodadh am pìos san iris a bhith mu dheidhinn a’ charaid mun do sgrìobh thu san eacarsaich roimhe seo, no ’s dòcha neach eile a chuir iongnadh toilichte ort. A’ smaoineachadh air a’ chàirdeas, dh’fhaodadh tu togail air na cuspairean a leanas:
- Mar a choinnich thu rid charaid
- Mar a tha do bheatha air atharrachadh on a choinnich thu rid charaid, no air sgàth do charaid
- Dè a chuir iongnadh ort mud charaid
- Mar a dh’fhaodadh do bheatha a bhith mura robh sibh air coinneachadh
- Àm aig an do chuidich do charaid thu
- Àm a bha thu fhèin ann arson do charaid
Mus tòisich thu air a’ phìos agad, leugh na tha thu air a sgrìobhadh san eacarsaich saor-sgrìobhaidh agad agus mar a thug thu iomradh air do charaid san eacarsaich dian-bheachdachaidh. Feuch an urrainn dhut na h-eileamaidean sin a ghabhail a-steach. Aon uair ’s gu bheil thu air pìos a sgrìobhadh san iris, smaoinich mu dheidhinn prìomh mhòmaiden eile nur càirdeas, mu am bu mhath leat sgrìobhadh.