Looking for all Articles by Katie Cutforth?
Molaidhean Sgrìobhaidh Sgeulachdan Alba: Càirdeasan leasachail
Moladh air a bhrosnachadh le Sgeulachdan Alba: Iomairt càirdeis

Tha Urras Leabhraichean na h-Alba ag iarraidh air daoine air feadh Alba an sgeulachdan Càirdeis fìor agus pearsanta fhèin a chur a-steach. Cleachd am moladh sgeulachd seo gus do sgeulachd a bhrosnachadh agus beachd-smuaintean air nithean fhaighinn mum faod thu sgrìobhadh.
Gus do sgeulachd a chur a-steach, theirig chun na duilleig seo
Càirdeasan leasachail (sgrìobhadh litrichean)
Nuair a smaoinicheas tu air càirdeas, dh’fhaodadh gun tèid d’ inntinn air ais gu caraidean d’ òige. Na daoine a thug dhut faireachdainn nas fheàrr de cò sinn, no cò bu mhath leinn a bhith, agus a chuir thu air an t-slighe cheart. Na càirdeasan a bh’ agad nuair a bha thu dìreach ag ionnsachadh dè bha càirdeas a’ ciallachadh.
Dìreach mar as urrainn do ar n-eòlasan bho ar n-òige ar cumadh sa bheatha a leanas, tha na càirdeasan a nì sinn nuair a tha sinn òg a’ cur ri cò sinn – math no dona.
“Chan eil tìm a’ toirt air falbh bho chàirdeas, cha mhotha a tha sgaradh.” – Tennessee Williams
Sa mholadh sgrìobhaidh seo, iarraidh sinn ort beachdachadh air na caraidean leasachail a rinn thu nad bheatha agus litir a sgrìobhadh gu aon dhiubh.
Blàthachadh
Air duilleag pàipeir, sgrìobh sìos liosta de na h-ainmean a tha a’ tighinn thugad nuair a smaoinicheas tu air càirdeasan leasachail. Feuch ri cuimhneachadh air na caraidean a bha agad nuair a bha thu òg – dh’fhaodadh gur e caraidean clasa a bh’ annta, caraidean teaghlaich, nàbaidhean, caraidean a choinnich thu air-loidhne no daoine a thachair riut gu tuiteamach. Dh’fhaodadh gu bheil cuimhne mheasail agad orra, no gu bheil iad cha mhòr air a dhol à cuimhne. Dh’fhaodadh gu bheil thu air ceangal a chall leotha; no dìreach nan caraid air na meadhanan sòisealta; no ’s dòcha gu bheil iad fhathast nam pàirt mhòr den bheatha agad.
Ri taobh gach ainm, sgrìobh sìos a’ chiad fhacal no abairt a thig thugad nuair a smaoinicheas tu orra. Dh’fhaodadh gur e seo tuairisgeul mun deidhinn – an robh iad coibhneil, spòrsail no dùbhlanach? No cuimhneachain air nithean a rinn sibh no a chaidh sibh troimhe còmhla. Dh’fhaodadh e a bhith mu dheidhinn mar a bha iad a’ toirt ort a bhith a’ faireachdainn no dòighean san tug iad buaidh ort.
Dian-bheachdachadh
Coimhead air ais air an liosta a chruthaich thu. Tagh 2–3 de na h-ainmean a sgrìobh thu agus tòisich a’ cur fiosrachadh riutha, a’ cur ris barrachd fhacail, abairtean no seantansan a tha a’ tighinn thugad. Is dòcha gum bu thoigh leat seo a dhèanamh air mapa inntinn gus do chuideachadh leis na beachdan agad a nochdadh.
Mar a tha thu a’ sgrìobhadh, tòisich a sgrìobhadh mu dheidhinn na bu mhath leat a ràdh ri do sheann charaid ann an litir. Smaoinich air na nithean nach d’ fhuair thu cothrom air a ràdh, no na nithean a b’ fheàrr leat gu robh misneachd agad innse dhaibh. Is dòcha gun seall do bheachdan cho mòr ’s a tha thu gan ionndrainn, no an ìre gu bheil thu toilichte gu bheil iad fhathast nad bheatha. Cuimhnich, faodaidh càirdeasan a bhith toinnte, agus chan fheum na smuaintean a sgrìobhas tu a bhith gu riatanach deimhinneach.
Tòisich a sgrìobhadh
Tha an t-àm ann tòiseachadh a sgrìobhadh! Thoir sùil air ais air an liosta agad agus air do mhapa inntinn, agus co-dhùin cò thuige a bu mhath leat do litir a sgrìobhadh agus na cuimhneachain, smuaintean no faireachdainnean air a bheil thu a’ dol a chuimseachadh. Cò aca a tha a’ seasamh a-mach dhut? Cò aca a bu chumhachdaiche no a b’ fhaothachail sgrìobhadh mun deidhinn?
Tòisich le bhith a’ cur fàilte air an neach gu bheil thu a’ sgrìobhadh – faodaidh tu ainm-brèige a chleachdadh. Cuimhnich, chan fheum thu an litir seo a chur air falbh no a roinn leis an neach gu bheil i sgrìobhte mura toigh leat sin – ’s e cothrom a tha seo air sgrìobhadh gu saor, gu fìrinneach agus bhon chridhe.
Faodaidh do litir gu do charaidean nì sam bith a ràdh. Dh’fhaodadh i a bhith stèidhichte mu thimcheall do chuimhneachain air a’ chàirdeas, a’ rannsachadh mòmaid no tachartas sònraichte air a bheil cuimhne agad chun an latha an-diugh. Dh’fhaoadadh gur e litir taing a th’ ann gu do charaid, airson a bhith an sin dhut no airson do shlighe atharrachadh. Ma thog an dian-bheachdachadh faireachdainnean doirbh mu thimcheall a’ chàirdeis sin, dh’fhaodadh gur e cothrom a th’ ann rudeigin a tha doirbh a ràdh innse dhaibh, gus crìoch a chur air a’ chùis. Faodaidh tu an litir a sgrìobhadh mar a tha thu fhèin an-diugh, no thu fhèin a chur air ais san t-suidheachadh inntinn nuair a bha thu sa chàirdeas sin.
Ma thig thu gu stad, theirig air ais gu am mapa inntinn airson tuilleadh bheachdan no cuimhneachain a rannsachadh airson am fighe a-steach. Ma tha thu gu tur aig stad, thig air ais gu do litir ann an latha no dhà – dh’fhaodadh gu bheil atharrachadh ann an sunnd no suidheachadh inntinn a’ toirt barrachd tìde dhut air do smuaintean obrachadh a-mach no gad chuideachadh gu fhaicinn ann an dòigh eile.