Looking for all Articles by Philippa Cochrane?
Molaidhean Sgrìobhaidh Sgeulachdan Alba: Caraid Fad Beatha
Moladh air a bhrosnachadh le Sgeulachdan Alba: Iomairt càirdeis

Tha Urras Leabhraichean na h-Alba ag iarraidh air daoine air feadh Alba an sgeulachdan Càirdeis fìor agus pearsanta fhèin a chur a-steach. Cleachd am moladh sgeulachd seo gus do sgeulachd a bhrosnachadh agus beachd-smuaintean air nithean fhaighinn mum faod thu sgrìobhadh.
Gus do sgeulachd a chur a-steach, theirig chun na duilleig seo
Caraid Fad Beatha (sgrìobhadh liricean òrain)
Na daoine a tha air a bhith còmhla rinn troimhe uile. Iadsan leis a bheil ar cànan fhìn againn, seata de chuimhneachain a tha a’ fàs nas cudromaiche leis gach bliadhna a thèid seachad, gach clach-mhìle, gach subhachas. Is iad sin na daoine sa bheil earbsa againn airson cothromachd a thoirt dhuinn, a bheir toilicheas dhuinn, no dìreach a dh’èisteas rinn nuair a dh’fheumas sinn fuasgladh fhaighinn. Iadsan nach eil ag iarraidh nì bhuainn. Tha fios aca cò sinn – agus an t-adhbhar a tha sinn cudromach.
Blàthachadh
Seinn òran Càirdeis
Dè na h-òrain as fheàrr leat mu chàirdeas? Dè na h-òrain a tha a’ cuimhneachadh do charaidean dhut? Gabh beagan ùine agus theirig a dh’èisteachd riutha, a leughadh nam facal agus a chur nad chuimhne fhèin dè a th’ ann ris a bheil thu a’ ceangal.
Ma tha feum agad air brosnachadh, thoir sùil air an liosta-cluiche seo de dh’òrain mu charaidean agus mu chàirdeas a tha sinn air a chur ri chèile.
Dian-bheachdachadh:
Smaoinich air càirdeas a tha air a bhith agad o chionn ùine mhòr, a tha air a bhith cudromach nad bheatha. Smaoinich mun neach a tha air a bhith còmhla riut tro gach nì, an neach a chì thu gach latha agus de nach fhàs thu sgìth, no an neach ris nach eil thu air bruidhinn o chionn ùine mhòr, ach ris a bheil e a cheart cho furasta dhut bruidhinn. An neach air an urrainn dhut èigheach ma tha thu ann an trioblaid, agus a fhreagras tu an-còmhnaidh. An neach a dh’innseas an fhìrinn dhut, an-còmhnaidh a’ dèanamh àite airson èisteachd riut agus a bheir gàire ort an-còmhnaidh.
Tagh trì cuimhneachain bhon chàirdeas agad. Mar eisimpleir:
- mòmaid bhon toiseach – mar a choinnich sibh no an t-adhbhar a thàinig sibh gu bhith nur caraidean bhon toiseach
- a’ mhòmaid as cuimhneachaile dhut tro ur càirdeas
- an cuimhneachan as ùire dhut.
Smaoinich air gach aon de na mòmaidean sin mar phòlaroid – thoir iomradh air nas urrainn dhut fhaicinn. Dè an nì a tha mothachail dhut? A bheil snàithlean gan ceangal ri chèile?
Tòisich a Sgrìobhadh
Structar (A,A,B,A,B)
Is e beachdachadh air an structar a tha thu airson a chleachdadh, àite math airson tòiseachadh air òran a sgrìobhadh. Is e A, A, B, A, B an structar as sìmplidhe – far a bheil A mar earrann agus B mar an t-sèist.
A’ tòiseachadh leis na trì mòmaidean gu h-àrd, a’ feuchainn ri gach aon aca a ghlacadh mar aon earrann den òran agad. Cùm sònraichte e agus fìor do gach cuimhneachan. Feuch ri earrann ceithir loidhnichean a sgrìobhadh mu dheidhinn gach aon de na 'dealbhan' agad.
Bho shònraichte gu uile-choitcheann (a bhith fìor ga dhèanamh uile-choitcheann)
An dèidh dhut na trì earrannan a sgrìobhadh airson mòmaidean sònraichte a ghlacadh, cleachd an t-sèist gus feuchainn ri na tha a’ dèanamh càirdeas cudromach agus speisealta dhut, a ghlacadh. Feuch ri bhith mionaideach, dè tha cudromach mud chàirdeas? Dè an snàithlean don mhothaich thu bho na dealbhan agad? Le smaoineachadh air caraid sònraichte, cuidichidh e thu sgrìobhadh ann an dòigh a tha fìor agus abairtean àbhaisteach a sheachnadh.
Rann, ruitheam, luaths
Le do thrì earrannan agus sèist sgrìobhte, faodaidh tu a-nis tòiseachadh ag obair air na facail agad mar phìos iomlan. Cuir air dòigh na co-phàirtean leis an structar A,A,B,A,B – agus an uair sin leugh a-mach am pìos iomlan (no feuch ri thu fhèin a chlàradh agus a chluich air ais).
Smaoinich air roghainnean cànain – cluich le do roghainnean fhacail gus sgeamaichean rannan a thogail a dh’fhuiricheas ann an inntinn an neach-èisteachd. Cuideachd, beachdaich air sruth-fhacal, co-fhuaimneachd agus comhardadh – gheibh thu barrachd fiosrachaidh mun seo air D’ Fhaclair(this link will open in a new window).
Mar a bhios tu a’ leughadh agus ag èisteachd air ais, feuch ri ruitheam a’ phìos a lorg – a bheil dòighean san urrainn dhut na loidhnichean àrdachadh gus ruitheam an òrain agad a lorg no cuideam a chur air. A bheil an ruitheam ag atharrachadh bhon rann gu an t-sèist – dè a’ bhuaidh a tha thu a’ feuchainn ri choileanadh? Tha comhairle fheumail aig Songwritertheory.com(this link will open in a new window).
Mu dheireadh, a bheil structar iomlan an òrain agad ag obair – a bheil e a’ togail thairis air na h-earrannan agus ath-aithris na sèiste? A bheil na trì earrannan agad san òrdugh cheart, gus a’ bhrìgh as fheàrr agus faireachdainn an òrain a thoirt seachad (dh’fhaodadh sin a bhith gun na h-earrannan a chleachdadh nan òrdugh eachdraidheil).