Looking for all Articles by Philippa Cochrane?
Nithean a tha mi airson a Chomharrachadh – molaidhean sgrìobhaidh
Creative writing exercises based on the theme of Celebration
Ged a dh’fhaodadh na dòighean sam bi sinn a’ dèanamh subhachas a bhith a’ coimhead beagan diofraichte an-dràsta, tha dòighean ann fhathast san urrainn dhuinn an subhachas a roinn. Tha beatha air a bhith cho neònach thar na bliadhna a dh’fhalbh agus tha an t-àm ri teachd cho neo-aithnichte, agus gu bheil mòran againn air a bhith a’ cur dlùth-aire air faighinn troimhe sa gheàrr-ama a-mhàin. Tha sinn a’ cuimseachadh air a’ chabhsair a tha dìreach fo ar casan, seach a bhith a’ togail ar cinn gus coimhead air fàire.
Airson a’ mholaidh sgrìobhaidh seo, bu mhath leinn nan smaoineachadh tu air cò ris a tha thu a’ coimhead air adhart, dè na clachan-mìle eile a tha thu airson a chomharrachadh, dè na gnìomhachdan bhon bheatha nas fhosgailte a bheir ort dannsa le toileachas?
Tha trì cruthan bàrdachdail ris as dòcha bu mhath leat tionndadh le do mhac-meanmhainn:
- Dàin liosta
- Dàin giorraichte
- Dàin nìtheil
Blàthachadh: Dè bu mhath leat?
Dè na nithean a tha air do chumail a’ dol tron bhliadhna mu dheireadh. Dh’fhaodadh gur e àite a tha sin air am bu mhath leat tadhal, cuideigin a bu mhath leat fhaicinn, tachartas a bu mhath leat a fhrithealadh no ’s dòcha gu bheil e cho sìmplidh ri tachartas làitheil – tadhal air an leabharlann, còmhradh ri srainnsear ann an ciutha airson bus, ag òl teatha aig bòrd caraid gaolach, glacadh le caraid.
- An toiseach, dèan liosta de na nithean ris a bheil thu a’ coimhead air adhart.
- An uair sin, tagh aon nì bhon liosta agus smaoinich mu dheidhinn ann an dòigh nas doimhne. Cò ris a tha e coltach nad inntinn? Càite a bheil thu? Cò còmhla ris a tha thu? Ciamar a tha smaoineachadh air a’ toirt ort a bhith a’ faireachdainn?
- Mu dheireadh, aon uair ’s gu bheil nì sònraichte agad nad inntinn ris a bheil thu a’ coimhead air adhart, cleachd e gus gach aon de na gnìomhan goirid a chleachdadh san dian-lorg.
Dian-lorg:
Dàn giorraichte
Ann an dàn acrostaig, faodaidh a’ chiad, an litir mu dheireadh no an litir mheadhanach anns gach loidhne, a bhith air an leughadh dìreach gus facal no abairt mu bheil an dàn, a dhèanamh.
Dèan liosta de fhacail shingilte no abairtean goirid a tha a’ glacadh na nì a tha thu ag iarraidh. Dh’fhaodadh seo a bhith:
- Mu dheidhinn mar a tha thu a’ faireachdainn air an taobh a-staigh – facail mar sùileachadh, dòchas, brosnachadh, feitheamh.
- Nithean a tha thu airson a dhèanamh – a’ hugadh Mum, crathadh làimhe, pàrtaidhean dìnneir, snàmh, saor-làithean
- ·Àiteachan air a bheil thu airson tadhal – cafaidh ionadail, an taigh-seinnse, taigh-tasgaidh, taigh-cluiche, taigh-dhealbh
Dàn Liosta
Tha dàin liosta a’ glacadh na h-ìomhaigh no a’ bheachd le bhith a’ dèanamh liosta de na h-eileamaidean uile mu dheidhinn, a tha am bàrd airson a thaisbeanadh. Faodaidh iad a bhith èibhinn, no bogach, no buillle fhaireachdainneil a lìbhrigeadh, a rèir cò air a tha an liosta a’ cuimseachadh agus mar a tha e a’ fàs tron dàn.
Dèan liosta de gach diofar taobh ded rùn ris a bheil thu a’ coimhead air adhart – dh’fhaodadh seo a bhith a’ gabhail a-steach:
- Na chì thu – dè na seallaidhean agus na comharran-tìre, dè na dathan, cò ris a tha an solas coltach
- Na ciadfathan eile – dè tha thu a’ cluinntinn, blasad, snòtadh agus suathadh
- Na daoine
- Dè an t-aodach a chaitheas tu, dè bheir thu leat
- D’ fhaireachdainnean
Dàn nìtheil
Tha dàin nìtheil a’ giùlain am brìgh nan cruth – tha na facail sgrìobhte air an duilleig gus dealbh a dhèanamh. Faodaidh seo a bhith glè shìmplidh – mar thriantan, cearcall no ceàrnag – no nas toinnte leithid taigh, craobh no beathach.
Smaoinich air na cumaidhean no dealbhan sìmplidh a tha thu a’ faicinn co-cheangailte ris an nì a tha nad rùn. Sgrìobh sìos beagan dhiubh a tha thu a’ smaoineachadh a bhiodh na chumadh math airson dàn. Am faodadh iad a bhith rudeigin coltach ri:
- Cupan airson a’ chofaidh a dh’òlas tu sa chafaidh as fheàrr leat?
- An rothair, trèana, bus no càr san siubhail thu a thadhal air teaghlach agus caraidean
- Cèic no tiodhlac a bheir thu leat airson subhachas
- Làmh no fiamh-ghàire
- Na cinn-fhionna air an tadhal thu san sù
Tòisich a sgrìobhadh
Thoir sùil air na notaichean a rinn thu aig àm nan eacarsaichean blàthachaidh agus dian-lorg agus tagh an cruth mu bheil thu air do bheò-ghlacadh airson dàn a sgrìobhadh. Gu h-ìosal, tha beagan nithean airson smaoineachadh mun deidhinn agus beagan dhàin mar bhrosnachadh.
Dàn giorraichte
Tha an cruth seo a’ ceadachadh dhut a bhith aig an ìre as eas-chruthaich nad sgrìobhadh – aon uair ’s gu bheil do litrichean agad mar thoiseach is deireadh nan loidhnichean, tha mar a gheibh thu eatarra suas riut fhèin. Tha dàn acrostic a’ ceadachadh dhut fillidhean eile a chur ri brìgh an dàin, chan fheum thu cuspair an dàin iomradh a dh’aon ghnothaich, a tha a’ ceadachadh dhut cluich mun cuairt le d’ iomradh agus ìomhaighean.
Tagh am facal no abairt air a bheil thu airson do dhàn a thogail agus an uair sin coimhead ri cuid de na nithean eile a sgrìobh thu san dian-lorg agad agus faic ciamar as urrainn dhut an gabhail a-steach don dàn.
Brosnachadh
Faodar acrostan a chleachdadh anns gach cruth sgrìobhaidh – gus teachdaireachd a bharrachd a shealltainn. Thoir sùil air an litir liubhairt, sgrìobhte dìreach às dèidh Charlottesville, bho Chomataidh Ealain is Daonnachdan a’ Chinn-suidhe(this link will open in a new window) – far a bheil a’ chiad litir de gach paragraf a’ litreachadh “RESIST”.
No an dàn bho John Cage, Thar-shluaghadh agus(this link will open in a new window) Ealain.
Dàn liosta
Tha dàin liosta dìreach mar sin – liosta de nithean, amharcan, smuaintean. Faodaidh iad a bhith meallta sìmplidh; tha an cleas nan sgrìobhadh ann mar a dh’òrdaich thu agus mar a cheangail thu na h-eileamaidean air an liosta agad.
- Dh’fhaodadh gum bi thu airson a h-uile loidhne a thòiseachadh leis an aon fhacal, a chuireas barrachd cuideim air an roghainn fhacail sin – no ’s dòcha gum bi thu airson a’ mhòr-chuid de na loidhnichean a thòiseachadh leis an aon fhacal, far an atharraich thu fòcas agus ’s dòcha ciall an dàin agad a thionndadh leis na loidhnichean a tha a’ tòiseachadh gu diofraichte.
- Smaoinich air faid nan loidhnichean – a bheil thu airson gum bi iad mun aon fhaid no a bheil thu airson gum bi iad measgaichte – dè tha na diofar roghainnean sin a’ dèanamh ri mar a tha an dàn a’ fuaimneachadh agus a’ faireachdainn?
- Dh’fhaodadh tu an liosta a thòiseachadh le nithean beaga pearsanta agus gluasad a-mach gu liosta de nithean poblach mòra, roinnte. Mar eisimpleir – nam biodh tu a’ sgrìobhadh mu thadhal air a’ chraoibh as fheàrr leat, dh’fhaodadh gun tòisicheadh tu le mar a tha an rùsg-craoibhe a’ faireachdainn, cho àrd ’s a tha i a bharrachd ortsa, dè cho fada ’s as urrainn dhut ruighinn timcheall stoc na craoibhe, agus ’s dòcha gluasad gu nas urrainn dhut fhaicinn ma shuidheas tu an taca na craoibhe, agus far a bheil i sa chruth-tìre.
Brosnachadh
Liosta Ri Dhèanamh Mhàirnealaiche le Brian Bilston(this link will open in a new window) Tha an dàn èibhinn agus glè aithriseach seo le Brian Bilston a’ taisbeanadh cumhachd a bhith a’ cur sgeama comhardaidh ris an dàn liosta agad, agus ag ath-aithris prìomh fhacail is abairtean.
How to be Hunted as a Witch; pàirt 1 le Catherine Simpson(this link will open in a new window)
Tha an dà dhàn seo a’ sealltainn cho cumhachdach sam faod dàin liosta a bhith.
Dàn Nìtheil
Faodaidh dàin nìtheil a bhith glè ioma-lùbach, a’ tarraing loidhnichean deilbh le facail dhàin no faodaidh an cumadh a bhith mar rudeigin glè shìmplidh, air a choileanadh dìreach le bhith a’ cleachdadh a’ bhàr-beàirn. Coimhead ris na h-ìomhaighean a tha thu air a liostadh agus smaoinich air mar a b’ urrainn dhut na cumaidhean sin a choileanadh a’ cleachdadh fhacail. Dh’fhaodadh tu:
- Dealbh loidhne sìmplidh a tharraing agus sgrìobhadh air
- Dh’fhaodadh tu bloc teacsa a chlò-sgrìobhadh gus cumadh cruaidh a dhèanamh
- No dh’fhaodadh tu dealbh a dhèanamh a-mach às an toll ann am meadhan pìos teacsa
Brosnachadh
Fox le Julia Gomez(this link will open in a new window)
The Mouse’s Tail le Lewis Carroll(this link will open in a new window)
40 Love le Roger McGough(this link will open in a new window)