Dè a’ Ghàidhlig a th’air adventure... Sgiorradh? Dàna-thuras? Teagmhais?
Be an adventure agam sgoil shamhraidh.
Sin e.
Cha robh mi-fhortan ann. No gaisge. No cunnart.
Gu dearbh, bha e sgoinneil.
Bha Gàidhlig agam ach bha mi airson loinn a chur oirre. Agus abair thusa turas inntinneach agus cuimhneachail. Cha robh na dàna, ge-tà.
Co-dhiù... bha mi air Gàidhlig ionnsachadh sa bhaile mhor. Rinn mi aig Ard-Ire i. Bha mi fileanta, gu ìre mhòir. Mar sin dheth, dè an ath cheum dhomh?
Chun na Gaidhealtachd leam!
Meadhan nan 90an a bh’ann. Chunnaic mi cùrsa air a shansasadh le Colaiste Chaisteil ann an Leòdhas. Se fìor bhogadh a bha gu bhith ann. Fuireach ann an taigh-dubh a chaidh leasachadh an teis-mheadhan choimhearsnachd far an robh an cànan aig na h-uile. Chan e siud a-mhàin, ghabhadh tu pàirt ann am beatha na coimhearsnachd, eadar obair agus dibhearsain.
Be baile beag nan Geàrranan mo cheann-uidhe. Taigh tughaidh mo dhachaigh airson seachdainn. Bha am baile beag seo suidhichte air bruach loch mara am fiaclan a' Chuain Shiair. Dh'fhàg na daoine mu dheireadh na Geàrranan sna h-80an nuair a fhuair iad taighean-comhairle air a’ bhràigh shuas an rathaid.
Chaidh na taighean nan tobhaichean. Rè ùine ge-tà, thoisich ath-leasachadh a’ bhaile is chuireadh na sgilean tràidiseanta gu feum uair eile.
Nuair a thadhail mise, cha robh air ath-thogail ach dà thaigh. Iad air an ath-bheòthachadh is an deagh thughadh. Bha aon na osdail-òigridh ach sann san fhear a b'ùire sa dh'fhuirich sinne. Be seòmar-clas agus dachaigh a bha seo.
Be maor nan taighean-tughaidh, bodach air an robh DR MacLeòid. Rugadh is thogadh esan an aon de na taighean is bha sgeulachdan is seanachas gu leòr aige air na daoine a bha ann. Aon mu sheann chailleach air an robh e eòlach na òige. Bha an taigh aice dhà-rìribh dubh na bhroinn – eadar cion solais agus deathach mòna a lìon an taigh, cha mhòr bho na cabraichean sìos chun an làir.
Bha an cùrsa fhèin buileach math. Gach madainn, bhitheamaid sa chlas ag obair air gràmar no gnathasan-cainnte. Feasgar, bhitheamaid air a’ bhlar a-muigh – a' rusgadh chaorach no tadhal air tuathanas èisg. Là eile, gabhail sgriob mu sgìre Charlabhaigh le comann eachraidh an àite. Chunnaic sinn dannsa Gaidhealach aig Gàidheil òga is breabadairean a’ cruthachadh clò Hearach.
Air an oidhche, thigeadh aoighean dhan taigh-dubh againn. Uaireannan bhiodh grunnan de mhuinntir an àit’ an làthair. Se a bha math an cuid Ghàidhlig shiubhlach bhrèagh’ a chluinntinn.
Tha cùrsaichean den leithid gu math cùmanta air Gaidhealtachd na h-Èireann, gu h-àraid do dh’òganaich nam bailtean mòra. S mòr am beud nach eil iad againn an Alba.
Dàna-thuras? S mathaid. Turas inntinn? Gun teagamh.