Looking for more in Scotland's Stories?

Duilleach

Author: Seonaidh Adams
Year: Future

Rugadh m’athair ann am fàsach. Cha robh dùin-gainmhich ann ach bha e tioram, creagach, dustach agus do-ghiùllainte teth. Thigeagh am bàs ann an riochdan eadar-dhealaichte – na nathraichean-gleadhrach, a’ bhanntrach dhubh, an tart agus an teas.

Tha an saoghal a’ fàs nas teotha, na Polaichean a’ leaghadh agus na coilltean-uisge a’ crìonadh.

B’fheàrr leam gum biodh saoghal san àm ri teachd aig clann an t-saoghail is aig a’ chloinn acasan. Se an dleastanas aig gach aon againn, rudeigin a dhèanamh, ge beag e, ionnsaigh seo.

Feumaidh sinn duilleach agus tuilleadh duillich. An lùib rudan eile ach tha feumaidh sinn anail a leigeil.

Se cur chraobhan is lusan, an cois mo chloinne nuair as urrainn dhomh, an iomairt bheag agam fhìn. Tha sinn fòrtanach gu bheil an taigh againne aig ceann barraid is gu bheil trì taobhan againn anns nas urrainn dhuinn lusan fhàs. Lusan, preasan, glasraich ri ithe, dearcan agus na ditheanan cudromach sin – as leth nam biastagan is nan seillean. Ar ar leth fhèin.

Se na craobhan as fheàrr leam ge-tà. An cruth, an gluasad, am measan agus an dathan. Bheir iad dubhar is àile dhan t-saoghail fada as dèidh dhomh dol am-measg an ùir agus an stùir.

Bha cuid air an ceannach is iad òg – nam fiùrain. Tha e na thoileachas nach beag dhomh sùil a chumail orra, cha mhòr gach là, is iad a’ fàs agus ag atharrachadh tro na raithean. A-nis, tha sinn a’ feuchainn ri cuid ùr fhàs bho ghearraidhean is bho shìl. Cur is buain – ach se beatha a bhuaineas sinn. An ogsaidean dhuinne, arainn do na h-eòin is biastagan.

Tha a’ chlann an-sàs sa ghnìomh seo is se mo dhòchas gum faic iadsan nach fhaic mise sna bliadhnaichean ri teachd. Mar sin dheth, feumaidh iad an cànan – a’ Ghàidhlig air na craobhan dùthchasach, a’ Bheurla agus nuair as cuimhne leam an Laidin. Tha beithe, giuthas, caorann, ubhal is cuileann uile aca nan ceann agus na thig nan lùib – a’ chorra-chosag, an lòn-dubh, dealain-dè, seillein, daolagan, na gealbhuinn agus druidean.

Seo a bhios aca is aig an t-saoghail: an duilleach, a’ Ghàidhlig is an t-àile. Ar cànan is ar craobhan.