Chum mi cunntas air na loidhnichean bhiorach
A’ comharrachadh mo chraiceann
An dòrdail dhòrainneach gam shèimheachadh
Mar tàladh siolp mi a-steach do chuimhneachain
De tiùnaicean ghorm, le ghàirean ath-mhisneachail
Nuair a thug na snàthadan ionnsaigh orm
A’ sgrùdadh, a’ drèanadh
Le priobadh na sùla agus pàipearan a’ meirgeadh
Mar dhuilleagan tioram
Air am pronnadh air madainn reòite
Aodann ùr, ainm ùr, guth ùr
Shuidh e ann an seòmar eòlach fo sholais ro shoilleir
Mar chleasaiche ag ullachadh airson an àrd-ùrlar
Bha mi a’ strì airson coltas ciùin
Eu-dòchasach airson deagh naidheachd
Mar leanabh ag iarraidh cudail
Ghluais mi anns a’ chathair, corragan a’ bualadh air a chèile
A’ sgreuchail gun fhuaim
Loma-làn dòchais
Maitheanas.
Mar a tha an litir mu dheireadh air a chrìochnachadh
Tha mo chraiceann ag innse na sgeòil
De bheatha, dòchas
Mo shaorsa fèin