
Shelagh Campbell
’S ann à Glaschu a tha Shelagh Chaimbeul agus bidh i a’ sgrìobhadh leabhraichean ficsean do chloinn agus do dh’inbhich sa Ghàidhlig. Chaidh Duais Ghàidhlig mar phàirt de Duaisean nan Sgrìobhadairean Ùra Urras Leabhraichean na h-Alba a bhuileachadh oirre ann an 2022. Bhuannaich i Duaisean Litreachais airson làmh-sgrìobhainn neo-fhoillsichte as fheàrr do chloinn ann an 2020 is 2023 agus chaidh an sgrìobhadh aice fhoillseachadh ann an New Writing Scotland, Northwords Now agus Causeway/Cabhsair. Thèid a’ chiad nobhail aice fhoillseachadh le Luath Press ann an 2024. Photo ©Julie Broadfoot