Looking for all Articles by Shelagh Campbell?
Seachd Bliadhna: Sia Dreachdan
Shelagh Campbell, previous Gaelic New Writer Awardee, shares some of the lessons she's learned from writing her first to final drafts of a novel.
Tha mi a’ sgrìobhadh a’ bhloga seo seachdain às dèidh dhomh dreachd deireannach den chiad nobhail agam a chur dhan fhoillsichear. Abair slighe, agus abair gu bheil e air tighinn a-steach orm nach robh tuigse sam bith agam air a’ phròiseas-sgrìobhaidh nuair a chuir mi crìoch air a’ chiad dreachd air ais ann an 2020, mus d’ fhuair mi meantaireachd bho sgrìobhadair phroifeasanta mar phàirt de Dhuaisean nan Sgrìobhadairean Ùra.
Chan eil mi buileach cinnteach a bheil tuigse agam air a’ phròiseas fhathast, ach seo rud no dhà a tha mi air ionnsachadh:
Na cruthaich obair dhut fhèin
Mura h-eil fiosrachadh bunaiteach agad dhan sgeulachd, na cosg tìde air.
San nobhail agam, chan eil dreuchd a’ phrìomh charactair bunaiteach dhan phlot. Chuir mi romham gun robh i na h-ailtire, gun robh i ag obair ann an oifis... agus dh’fhàg mi aig an sin e.
Nuair a leugh neach-deasaiche dreachd, ge-tà, bha e airson beagan a bharrachd fhaighinn a-mach mun obair làitheil aice, is ise tè de na prìomh charactaran.
Seo an trioblaid: cha robh sgot agam dè bhiodh ailtire a’ dèanamh bho latha gu latha. Bha agam ri taghadh a dhèanamh: dh’fhaodainn tìde nach robh agam a chur seachad a’ dèanamh rannsachaidh air ailtirean; no dh’fhaodainn dreuchd a’ charactair atharrachadh.
San dreachd dheireannach, tha i na dealbhadair. Tha sin faisg gu leòr air an obair agam fhìn ’s nach robh agam ri rannsachadh sam bith a dhèanamh, is uairean gann a chosg air puing nach robh idir cudromach.
Chan eil a leithid de rud ann ri cus prufaidh
Thòisich mi ag obair air an nobhail ann an 2017, agus mar a shaoileadh tu, dh’atharraich mi tòrr rudan thairis air seachd bliadhna agus sia dreachdan: am plot fhèin, ainmean nan caractaran; cinn-latha. An toiseach, chuir mi Lauren agus Scott air dithis charactaran. An uair sin, thòisich mi ag obair còmhla ri tè air a bheil Lauren, a tha còmhla ri fear air a bheil Scott. Cò chreideadh e? Ged nach eil Gàidhlig aice, cha robh mi airson ’s gum biodh i den bheachd gum b’ ann orra fhèin a bha na caractaran, nach eil uabhasach laghach, stèidhichte.
’S e Gemma a th’ air a’ charactar a-nis. An robh cuimhne agam air sin fhad ’s a bha mi a’ sgrìobhadh an dàrna dreachd? Cha robh. An tug mi an aire gun robh mi air Lauren no dhà fhàgail anns an teacsa? Cha tug. Feumaidh gun do chuir mi an neach-deasachaidh bochd droil, is ainmean ris nach robh iad an dùil a’ nochdadh an siud ’s an seo.
Dona air matamataig? Dèan spreadsheet
Nuair a leugh mi tron dreachd dheireannach, fhuair mi lorg air rud no dhà a bha fada ceàrr. Bha mac aon charactar deich bliadhna a dh’aois ann an aon chaibideil, ochd ann an tèile, agus aon-deug ann an àite eile. Bha mi air na cinn-latha atharrachadh gu tric – sa chiad dreachd, b’ ann ann an 2019 a bha an sgeulachd stèidhichte, ach bha an dreachd deireannach stèidhichte ann an 2024.
Cha robh mi a-riamh math air matamataig – bha agam ri spreadsheet a chruthachadh gus am biodh fios agam cuin a rugadh a h-uile caractar, agus dè na h-aoisean a bhiodh iad tron sgeulachd.
A bheil sia dreachdan gu leòr?
Tha mi cinnteach gum b’ urrainn dhomh sia dreachdan eile a sgrìobhadh, is mi fhathast a’ lorg rudan beaga a dh’fhaodainn atharrachadh. Chan eil mi cinnteach an leugh mi an leabhar slàn nuair a nochdas e ann an clò, nuair a bhios e ro anmoch ath-sgrìobhadh a dhèanamh air. Tha mi beò an dòchas nach eil Lauren falaichte ann fhathast...