Looking for all Articles by Gordon Connelly?
Comharrachadh Chàich, litir gu neach as fhiach a chomharrachadh – sanas sgrìobhaidh
Creative writing exercises based on the theme of Celebration
Ged a dh’fhaodadh e a bhith a’ faireachdainn beagan gallda an-dràsta, tha comharrachadh fhathast na fhorsa cumhachdach nar beatha làitheil.
Eadar gur ann gar mealadh fhìn mun chupan teatha fhoirfe ud a rinn sinn, gar blianadh ann an toileachas cuimhneachain nach dìochuimhnich sinn gu bràth no a’ meòrachadh air an neach speisealta sin a tha a’ dèanamh ar beatha nas tlachdmhoire, tha comharrachadh a’ ceadachadh dhuinn gabhail ris a’ mhòmaid agus ath-luachadh a dhèanamh air na tha cudromach nar beatha.
'Is e sgrìobhadh litrichean an aon innleachd air aonranas a chothlamadh le deagh chuideachd.' – Am Morair Byron
Chan eil e air a bhith furasta còmhradh ceart fhaighinn air ar càirdean, ar dlùth dhàimhean agus ar teaghlach thar na bliadhna mu dheireadh. Ged a tha sinn air cùisean innleachadh le gairmean Zoom, tha mòran againn le fadachd airson ùine luachmhor aon-ri-aon a chaitheamh leis na daoine sin a bhios a’ dèanamh ar beatha nas fheàrr.
Mar sin, carson nach fheuch sinn ri conaltradh ann an dòigh eile. Leig leis an neach speisealta sin fhaicinn cho luachmhor ’s a tha iad dhut le litir a sgrìobhadh thuca.
Dh’fhaodadh gum brosnaich e càch gu ùine a ghabhail a’ comharrachadh nan daoine nam beatha a tha air an cuideachadh. Agus dh’fhaodadh sinn uile buannachd fhaotainn à beagan subhachais a bharrachd an-dràsta fhèin!
Eacarsaich blàthachaidh
'[…] [daoine] matha a’ toirt ort faireachdainn gum faod thusa cuideachd a bhith cudromach.' – Mark Twain
Tarraing trì colbhan air pìos pàipeir. Sa chiad cholbh, sgrìobh sìos ainmean dhaoine nad bheatha a tha airidh air an comharrachadh nad bheachd-sa. San dàrna colbh, dèan liosta de bheagan fheartan a tha a’ dèanamh neach speisealta dhut. San trìtheamh colbh, smaoinich air amannan nuair a chuidich na feartan sin thu nad bheatha. Bho bhith a’ toirt ort d’ aghaidh a chur ri rudeigin mud dheidhinn fhèin gu do chuideachadh a’ slànachadh tro àm doirbh.
Dian-lorg
Cuimsich air d’ fhaireachainnean agus do chuimhneachain air na mòmaidean a tha thu dìreach air a sgrìobhadh. Carson a bha iad cudromach? Is dòcha gur e pàiste a bh’ annad agus deimhinneach gun robh thu a’ dol a dh’fhaighinn càineadh mòr ach ’s ann a fhuair thu coibhneas na àite. An do thabhainn caraid beagan solais dhut rè àm a bha gu sònraichte dorch?
Feuch ri smaoineachadh air cuid de na suidheachaidhean gu h-ìosal agus a’ sgrìobhadh dìreach beagan fhacail, ìomhaighean no seantansan a thig nad inntinn.
Coimhead air ais:
- A bheil neach ann bhon àm a dh’fhalbh a chuidich le do phearsantachd no slighe beatha a chumadh? Cuideigin a chuidich thu le taic is stiùireadh nuair a bha deagh fheum agad air. Is dòcha nach do thuig thu aig an àm agus nach robh thu comasach air taing a thoirt dhaibh ann an dòigh bhrìgheil.
- Ceadaichidh bruidhinn riutha dìreach dhut a bhith fosgarra agus taing cheart a thoirt dhaibh airson am buaidh air do bheatha.
- No carson nach rannsaich thu na cuimhneachain as tràithe agad nad òige agus nad dheugaire. Bheir a bhith a’ cumadh do sgeulachd bho shealladh pàiste togail do a luaths agus am faireachdainn a dh’fhairich thu aig an àm a nochdadh.
A’ coimhead air adhart:
- A bheil rudeigin a tha thu airson a dhèanamh le caraid, le gaolach no le ball den teaghlach san àm ri teachd?
- Dh’fhaodadh tu litir a sgrìobhadh bhon mhòmaid sin agus innse don neach sin mu gach nì as urrainn dhut a dhèanamh agus a choileanadh còmhla riutha a-nis agus carson a tha thu a’ cur luach air sin.
- Is dòcha gum bu mhath leat litir a sgrìobhadh thugad fhèin mu choinneamh an ama ri teachd gus cuideachadh le atharrachadh deimhinneach nad bheatha a bhrosnachadh. A bheil nì ann a bu mhath leat a chomharrachadh ann am bliadhna, dà bhliadhna, deich bliadhna eile?
An-dràsta le do theaghlach:
- A bheil aon duine a chùm an teaghlach a’ dol thar na bliadhna mu dheireadh? Is dòcha gum bu mhath leat fhèin agus an còrr den teaghlach sealltainn dhaibh na tha an gaol agus an taic sin air ciallachadh, le bhith a’ sgrìobhadh loidhne no dhà an urra agus ga roinn leotha.
- Dh’fhaodadh tu tòiseachadh le bhith ag ath-thadhal air an liosta de fheartan deimhinneach aca (foighidinn, deimhinneachd, blàths) agus a’ sònrachadh a dhà dhiubh do gach ball den teaghalch airson leudachadh orra.
Tòisich a sgrìobhadh
A-nis on a tha fios agad dè na mòmaidean air am bu mhath leat cuimseachadh agus carson a bha iad cudromach dhut, tha an t-àm ann tòiseachadh air a’ phìos agad.
- Co-dhùin air an t-sealladh bho bheil thu a’ sgrìobhadh. Mar eisimpleir, a bheil thu a’ sgrìobhadh litir mar thu fhèin san àm ri teachd, a’ moladh nan nithean uile às an urrainn dhut tlachd a ghabhail còmhla ris an neach sin. No a bheil thu a’ dol air ais gu seòrsa nas tràithe dhìot fhèin gus feuchainn ris na faireachdainnean a nochdadh a bh’ agad aig a’ mhòmaid sin? No faodaidh tu nithean a chumail sìmplidh agus sgrìobhadh bhon àm làithreach.
- Ma bhios litir a’ faireachdainn eagalach no gallda dhut, carson nach tòisich thu le rudeigin nas lugha, leithid cairt-puist? Smaoinich ort fhèin gu toilichte a’ gabhail na grèine ann an dùthaich chèin agus sgrìobhadh beagan loidhnichean gu caraid. Mìnich mar a tha thu a’ faireachdainn agus meòraich air mòmaid coltach ris a bha aig an dithis agaibh san àm a dh’fhalbh.
- Ma tha na h-ìomhaighean nad chuimhne gu h-àraid làidir, is dòcha gum faodadh tu an glacadh gu lèirsinneach air sriop-comaig.
Brosnachadh
Thug an iris Delicious coimisean do thriùir de na sgrìobhadairean bìdh as fheàrr gu litir a sgrìobhadh gu na còcairean a bhrosnaich iad – sgrùd Litir gu mo Ghaisgich Bìdh (Letter to my Food Hero(this link will open in a new window)) a dh’fhaicinn mar a chaidh dhaibh.