Looking for all Articles by Niall O'Gallagher?

Mar a dh’fhosgail duais iomadh doras

Poet and previous winner of both a New Writers Award and an Ignite Fellowship, Niall O'Gallagher shares his insights into the way an award can open many doors.

Last updated: 06 November 2024

Feumaidh gu bheil còig bliadhna o rinn mi iarrtas airson Duais nan Sgrìobhadairean Ùra. Aig an am, bha ’s dòcha leth leabhair dhàn agam ach cha robh fios agam dè bu chòir dhomh dèanamh leotha. Rinn mi na ciad dàin a ghlèidh mi as t-Samhradh ann an 2007 eadar Inbhir Nis agus Glaschu, dàin ghràidh don chuid as motha, sonaidean agus feadhainn eile ann am meadrachd a chleachd Catullus na dhàin ghràidh fhèin anns an Ròimh. Air a’ bhliadhna roimhe, dh’fhoillsich mi a’ chiad de na tionndaidhean Beurla agam de bhàrdachd Chrìsdein MhicIlleBhàin ann an New Writing Scotland, ach cha robh ùidh agam Beurla a chur air na dàin agam fhìn agus mar sin cha b’ fhollaiseach dhomh càite an gabhadh iad foillseachadh. Agus, mar bhàrd Ghàidhlig a bha a’ fuireach anns a’ bhaile mhòr, is glè ainneamh a bhiodh cothrom agam mo chuid bàrdachd aithris air beulaibh sluaigh.

Taic agus Tuigse

Is e Duais nan Sgrìobhadairean Ùra a dh’atharraich sin uile. B’ e an t-amas a bha agam an dòrlach phàipearan a bha agam thuige sin a mheudachadh gus am biodh co-dhiù dreach agam de leabhar a dh’fhaodainn a chur a dh’fhoillsichear. Leig an duais leam an t-amas sin a choilionadh air dà dhòigh. Anns a’ chiad dol a-mach, dh’fhàg an t-airgead agus an t-aithneachadh nas fhasa e dhomh ùine a chur mu seach airson mo chuid sgrìobhaidh. Cha mhòr gach Dihaoine am bliadhna sin, rachainn gu Tapa air Rathad Pollokshaws – bha sinn a’ fuireach ann an Cnoc a’ Ghobhainn aig an am, a nochdas gu tric anns na dàin bhon am sin – agus sgrìobhainn, mar a sgrìobhas fhathast, le peansail ann an leabhran, cofaidh air aon taobh, faclair Dwelly air an taobh eile. Cha b’ fhada gus an dàin gu leòr a lìonadh leabhar.

A thuilleadh air sin, fhuair mi taic shònraichte bhon sgrìobhadair Ghàidhlig Màrtainn Mac an t-Saoir. Choinnicheamaid aig Ionad Sgeulachdan na h-Alba air a’ Mhìle Rìoghail far an deigheamaid tro na dàin agam, gan aithris agus a’ cur cheistean mun deidhinn. Bha dòigh-obrach Mhàrtainn air leth feumail dhomh. Tha bàrdachd an dithis againn gu math eadar-dhealaichte bho chèile. Ach an àite feuchainn ris an dòigh sgrìobhaidh agamsa atharrachadh, chuir e an tuigse agus claisneachd gheur aige gu feum, gam chuideachadh gus na dàin agus na h-amasan agam fhìn a thuigsinn nas fheàrr.

Làmh-sgrìobhainn gu Leabhar

Aig deireadh bliadhna na duaise, bha an làmh-sgrìobhainn den chiad leabhar agam, Beatha Ùr, deiseil a thabhainn a dh’fhoillsichear. Chuir CLÀR an clò e ann an 2013, a’ cruthachadh dàimh a mhair chun an latha an-diugh, le dà leabhar bàrdachd eile thuige seo. Rinn mi ceanglan le sgrìobhadairean eile tron duais a thug iomadh cothrom dhuinn coinneachadh ri chèile. Nuair a nochd Fuaimean Gràidh: Dàin Taghta (Francis Boutle, 2023), bha cuid de na tionndaidhean Beurla anns an leabhar leis a’ bhàrd Garry MacChoinnich(this link will open in a new window), a bhuannaich an duais air an aon bhliadhna. Mhair an dàimh agam cuideachd le Urras Leabhraichean na h-Alba agus Comhairle nan Leabhraichean, a dh’fhàg gun d’fhuair mi taic tro Chomhaltachd Las gus obair air an leabhar as ùr agam, Litrichean Plàighe, a tha ga ullachadh airson foillseachaidh an-dràsta.

Mar sin, mholainn do gach duine iarrtas a dhèanamh airson na Duaise. Bu mhòr a’ bhuaidh a thug i air a’ bheatha sgrìobhaidh agam fhìn, buaidh a leanas fhathast.

Tha Duaisean nan Sgrìobhadairean Ùra Gàidhlig 2025 – prògram bliadhnail air a thabhainn le Comhairle nan Leabhraichean(this link will open in a new window) ann an co-bhonn le Urras Leabhraichean na h-Alba – a-nis fosgailte do thagraidhean.

Ceann-latha: 12f, Diardaoin 21 Samhain 2024

Cuir a-steach