Looking for more in Writing and Authors or Gaelic New Writers Awards?
A’ cur a-steach airson Duaisean nan Sgrìobhadairean Ùra
Tha Duaisean nan Sgrìobhadairean Ùra 2025 a-nis fosgailte do thagraidhean.
Is e Diardaoin 21 Samhain 2024 aig meadhan-là an ceann-latha airson thagraidhean.
Tha e an-asgaidh cur a-steach airson nan duaisean agus gheibhte cosgaisean siubhail gu lèir air ais. Thèid an luchd-buannachaidh a thaghadh le pannail de bhritheamhan. Is mathaid gum faodadh taic a bharrachd a bhith ann do luchd-buannachaidh air a bheil bacaidhean a thaobh a bhith a’ gabhail pàirt. Tha am prògram sùbailte agus bidh sinn ag obair gu dlùth leis an luchd-buannachaidh gus am faigh iad taic iomchaidh.
Bidh na Duaisean a’ ruith eadar Am Faoilleach 2025 agus Am Faoilleach 2026. Rè a’ phrògraim gheibh an luchd-buannachaidh:
- duais luach £2,500, gus am faigh iad cothrom aire a chumail air an obair (thèid am bursaraidh a phàigheadh ann an dà chuibhreann)
- cothroman leasachaidh pearsanta, air an sònrachadh airson gach neach, mar mheantaireachd bho sgrìobhadairean no proifeiseantaich sa ghnìomhachas
- trèanadh ann am PR agus taisbeanadh an cuid obrach
- cothrom an obair aca a thaisbeanadh do dh’fhoillsichearan agus luchd-riochdachaidh
- seachdain aig ionad-sgrìobhaidh, far am faigh iad ùine, farsaingeachd agus saorsa airson obair ùr a chruthachadh ann an àrainneachd àlainn (a rèir na tha ceadaichte san t-suidheachadh).
- àite an-asgaidh air cùrsa 3-latha airson sgilean deasachaidh Gàidhlig le teisteanas bho Oilthigh Caledonian Ghlaschu
- ballrachd an-asgaidh fad bliadhna aig Comann nan Sgrìobhadairean agus seisean trèanaidh leis a’ chomann
Gabhaidh am meantaireachd, trèanadh agus taisbeanaidhean air fad a dhèanamh aig astar ma tha daoine a’ cur feum air an roghainn seo. Tha sinn toilichte bruidhinn ri daoine fa-leth mu na feumalachdan aca air goireasan sònraichte mus cuir iad tagradh a-steach.
Tha dà dhuais ann airson sgrìobhadairean Gàidhlig, gan ruith mar cho-bhanntachd eadar Urras Leabhraichean na h-Alba agus Comhairle nan Leabhraichean.
Thèid Duaisean nan Sgrìobhadairean Ùra air adhart ann an 2025 ma gheibh Urras Leabhraichean na h-Alba am maoineachadh a tha a dhìth orra airson an sgeama a ruith. Thèid an t-seachdain-sgrìobhaidh air adhart a rèir riaghailtean agus stiùireadh air siubhal a rèir an t-suidheachaidh aig an àm.
Ciamar a nì mi tagradh?
Tha clàr-iarrtais ri lìonadh ma tha thu airson cur a-steach airson Duaisean nan Sgrìobhadairean Ùra.
Cuir an t-iarrtas agad a-steach ro mheadhan-là Diardaoin 21 Samhain 2024.
Am faod mi cur a-steach?
Slatan-tomhais airidheachd
Faodaidh tu tagradh a chur a-steach ma tha thu:
- 18 bliadhna no nas sine
- stèidhichte ann an Alba
- le miann làidir a bhith a’ leasachadh do chuid sgrìobhaidh anns a’ Ghàidhlig – ficsean, neo-fhicsean (i.e. (fèin-)eachdraidh-beatha no sgrìobhadh siubhail), cruinneachadh de sgeulachdan goirid no bàrdachd, nobhail ghrafaigeach (thèid beachdachadh air teacsa às aonais dhealbhan), no leabhraichean cloinne
- gun leabhar slàn no cruinneachadh fhoillseachadh roimhe
Dè tha sinn a’ ciallachadh le 'gun fhoillseachadh'?
Faodaidh tu cur a-steach ma tha thu:
- dìreach air leabhraichean sgoile, leabhraichean iùil, leabhraichean eachdraidh no cruinneachaidhean àbhachdais fhoillseachadh
- air an sgrìobhadh agad fèin-fhoillseachadh, no nan robh e air fhoillseachadh ann an iris chlò, iris air-loidhne, iris acadaimigeach, blog, leabhran, no mar phàirt de chruinneachadh le sgrìobhadairean eile
Tha sinn a’ cur fàilte air iarrtasan bho luchd-cùraim, daoine gun obair no daoine nach eil ag obair air adhbharan slàinte. Gheibhear fios mun sporan inntrigidh gu h-ìosal.
Cò nach fhaod cur a-steach?
Chan fhaod thu tagradh a chur a-steach ma tha thu:
- air Bursaraidh Sgrìobhadairean Ùra Chomhairle Ealain na h-Alba, Duais nan Sgrìobhadairean Ùra (Beurla, Gàidhlig no Albais), Duais Callan Gordon no Duais “Next Chapter” a chosnadh
- an sàs ann an duais eile le Urras Leabhraichean na h-Alba no Alba Chruthachail an-dràsta, no tha thu air taic-airgid eile fhaighinn bho Chomhairle nan Leabhraichean airson do sgrìobhadh a leasachadh
- an dùil a bhith ann am foghlam làn-ùine no pàirt-ùine fhad ’s a tha am prògram a’ ruith (Faoilleach 2025 gu Faoilleach 2026). Tha cùrsaichean goirid agus clasaichean oidhche ceart gu leòr. Ma tha thu nad oileanach eadar-nàiseanta ann an Alba air cùrsa teirm-stèidhichte faodaidh tu cur a-steach ma tha thu gu bhith ann an Alba rè ùine na duais
- nad sgrìobhadair a tha clàraichte air stòr-dàta nan ùghdaran “Live Literature”. Faodaidh luchd-ealain agus sgeulaichean a tha clàraichte cur a-steach airson taic le sgrìobhadh ma tha iad a’ coileanadh nan slatan-tomhais gu h-àrd.
- air aonta foillseachaidh le foillsichear a chur air dòigh mar-thà
- air gin de na rudan a leanas fhoillseachadh le foillsichear mar-thà: nobhail, leabhar neo-fhicsean (m.e. eachdraidh-beatha), cruinneachadh de sgeulachdan goirid no bàrdachd, no nobhail ghrafaig. Ma tha thu air fear de na rudan seo fhoillseachadh, dh’fhadoadh Comhaltachd Las a bhith nas freagarraiche dhut
- airson dealbhan-cluiche no sgriobtaichean airson sgrìn no rèidio a sgrìobhadh
- nad neach-obrach aig Urras Leabhraichean na h-Alba no Comhairle nan Leabhraichean
Le bhith a’ cur a-steach tagradh, tha thu a’ daingneachadh gu bheil thu a’ coileanadh nan slatan-tomhais cho fad ’s as aithne dhut. Thèid neach sam bith nach eil a’ coileanadh nan slatan-tomhais a mheas neo-airidh agus dh’fhaodar iarraidh orra an duais a thilleadh no an tagradh a tharraing às.
Leugh na slatan-tomhais airidheachd gu faiceallach mus cur thu tagradh a-steach. Gheibhear foirm tagraidh an seo. Ma tha ceistean sam bith agad mu na duaisean seo, cuir brath gu [email protected](this link will open in a new window).
Feumaidh am fiosrachadh a leanas a bhith an cois a do thagraidh.
- am fiosrachadh pearsanta agad
- eisimpleir den sgrìobhadh agad – ficsean/neo-fhicsean no bàrdachd. Na cuir measgachadh den dà sheòrsa. Cuir thugainn eisimpleir den t-seòrsa sgrìobhadh dham biodh tu ag iarraidh taic nam faigheadh tu duais.
Dè thathas a’ ciallachadh le 'ficsean' agus 'neo-fhicsean'?
Is e sgrìobhadh mac-meanmnach no tionnsgalach a th’ ann am ficsean, a’ gabhail a-steach sgeulachdan goirid agus nobhailean.
Tha rosg neo-fhicsein sgrìobhte ann an stoidhle coltach ri ficsean ach air a chleachdadh airson sgeulachdan fìrinneach innse, m.e. cuimhneachan, cunntas siubhail no eachdraidh-beatha. Chan eil seo a’ gabhail a-steach leabhraichean sgoile no sgoilearail, leabhraichean iùil, leabhraichean eachdraidh neo-fhicsean àbhaisteach, no cruinneachaidhean de dh’àbhachdas.
Airson ficsean/neo-fhicsean, bu chòir na leanas a bhith an cois do thagraidh:
- eisimpleir sgrìobhaidh (sa Ghàidhlig a-mhàin). Faodaidh seo a bhith air a tharraing bho sgeulachdan goirid no pìos sgrìobhaidh (nobhail no rosg) nas fhaide. (Suas ri 3,500 facal.)
- ma tha an t-eisimpleir air a thoirt bho phìos sgrìobhaidh nas fhaide, cuir geàrr-iomradh na chois. (Suas ri 500 facal.)
- cleachd clò Arial, meud 12, le beàrnan dùbailte. Feumaidh àireamhan a bhith air a h-uile duilleag, cuide ri ainm-pinn (chan e d’ ainm fìor).
- cha bhithear a’ cleachdadh d’ ainm-pinn ach a-mhàin airson ainmean an luchd-tagraidh a chumail dìomhair anns an fharpais seo aig ìre mheasaidh.
Airson bàrdachd, bu chòir na leanas a bhith an cois do thagraidh:
- eisimpleir sgrìobhaidh (sa Ghàidhlig a-mhàin). Faodaidh seo ruith gu suas ri 10 pìosan bàrdachd, gun a bhith nas fhaide na 12 duilleagan uile-gu-lèir.
- cleachd clò Arial, meud 12, le beàrnan dùbailte. Feumaidh àireamhan a bhith air a h-uile duilleag, cuide ri ainm-pinn (chan e d’ ainm fìor).
- cha bhithear a’ cleachdadh d’ ainm-pinn ach a-mhàin airson ainmean an luchd-tagraidh a chumail dìomhair anns an fharpais seo aig ìre mheasaidh.
Measadh
Thèid tagraidhean a mheasadh le pannal air a tharraing bho riochdairean Bhòrd-stiùiridh Chomhairle nan Leabhraichean. Airson cothromachd aig ìre mheasaidh, bidh ainmean nan tagraichean air fad air an cumail dìomhair bhon phannal – chan fhaic iad ach na h-ainmean-pinn a thagh na tagraichean. Gheibh tagraichean fios mu co-dhùnadh a’ phannail ro dheireadh na Dùbhlachd 2024 aig a’ char as anmoiche.
Tagraidhean
Bu chòir tagraidhean a chur air post-d gu: [email protected](this link will open in a new window) le ‘Duaisean nan Sgrìobhadairean Ùra’ agus d’ ainm mar chuspair a’ phuist-d. Feumaidh tagraidhean a bhith a-staigh ro Diardaoin 21 Samhain 2024.