Looking for all Articles by Nyla Ahmad?
Sanas sgrìobhaidh Sgeulachdan na h-Alba: A' Feagairt an Gairm
Sanas sgrìobhaidh air a bhrosnachadh leis an iomairt againn Sgeulachdan na h-Alba: Dànachd.
Aig amannan thig mòmaid nuair a dh'fheumas tu seasamh làidir agus a dhol air adhart leis an ath dànadas mòr agad. Co-dhiù a tha e a' gluasad gu àite ùr, a' seasamh suas airson adhbhar as fhiach a dhìon, no a' tòiseachadh dreuchd ùr, chan eil teagamh sam bith gu bheil na h-amannan sin ag atharrachadh beatha agus a' mìneachadh beatha. Airson pròiseact Sgeulachdan na h-Alba am-bliadhna tha sinn ag iarraidh air muinntir na h-Alba na sgeulachdan beatha fìor aca innse dhuinn mu bhith a' freagairt angairm.
Eacarsaich blàthachaidh: Gaisgich
Gu math tric faodaidh sinn a bhith air ar brosnachadh gus atharrachadh a dhèanamh le daoine ris a bheil spèis againn. Le bhith a' faicinn cuideigin eile a' gabhail uallach no ag atharrachadh am beatha fhèin, cuidichidh sin sinn le bhith a' cruthachadh ar slighe fhèin agus a' gluasad air adhart chun an ath chaibideil nar beatha.
Tarraing 3 colbhan air duilleag pàipear. Anns a' chiad cholbh, sgrìobh ainmean còignear dha bheil spèis agad. Anns an ath cholbh, sgrìobh sìos na buadhan air a bheil spèis agad agus a bu mhath leat aithris anns na daoine sin. Anns a' cholbh mu dheireadh, beachdaich air amannan nad bheatha far an do rinn thu, no far an do mhiannaich gun do rinn thu rudeigin a bha a rèir nan luachan sin.
Beachdaich:
A' dèanamh roghainn
Smaoinich air àm nuair a thachair rudeigin gun fheum aig an robh buaidh mhòr. Àm nuair a bha co-dhùnadh soilleir agad ri dhèanamh. Beachdaich air na faireachdainnean agad aig an àm. An robh thu air bhiorain? Nearbhach? An robh eagal ort? Dè na smuaintean a bha a' dol tro d' inntinn? Tagh cuid de na faclan sin agus sgrìobh mapa inntinn airson gach fear. Beachdaich air na h-ìomhaighean, na smuaintean agus na faireachdainnean a tha na facail sin a' togail. Feuch an urrainn dhut leudachadh air gin de na mapaichean inntinn sin gus paragraf a sgrìobhadh mu do staid corporra no inntinn aig aon de na h-amannan sin.
A' strì airson na tha ceart
Smaoinich air àm nuair a bha thu a' faireachdainn air do bhrosnachadh gu gnìomh oir b' e sin an rud ceart ri dhèanamh, no smaoinich air cùis airidh anns a bheil creideas agad. Carson a tha a' chùis seo cudromach dhut? An e cùis pearsanta a th' ann, neo adhbhar cruinneil? Sgrìobh gu saorsail na smuaintean agad agus feuch ri cuideam a chuir airna tograidhean agad. Smaoinich air dè a dhèanadh tu no a bheireadh tu seachad airson rudeigin anns a bheil thu a' creidsinn.
Tòisich a' Sgrìobhadh
Sgeulachd Tùsail
Smaoinich air àm deatamach nad bheatha, àm a dh'atharraich a h-uile sian dhut. Is dòcha gu robh fios agad aig an àm no is dòcha gur ann dìreach a' coimhead air ais a thuig thu gur e seo an t-àm nuair a dh'atharraich thu do beatha gu tur. Sgrìobh mun mhòmaid seo mar an sgeulachd thùsail agad mu cò thu. Dè a bhrosnaich thu? Cò ris a bha thu a' freagairt? Dè an t-atharrachadh a thàinig ort??
cliath 9 pannal
Tarraing cliath 9-pannal air duilleag pàipear A4 le bhith a' tarraing 3 loidhnichean gu còmhnard agus 3 loidhnichean gu dìreach thairis air an duilleag, a' cruthachadh pannalan den aon mheud. Beachdaich air an sgeul agad agus dèan notaichean mu na thachras anns gach pannal. Sgrìobh sìos còmhradh no aithris sam bith a ghabhas cleachdadh. Aon uair 's gu bheil dreachd-sgriobt agad, dealbhaich do sgeulachd a-steach do na pannalan.
Neach Cudromach
Smaoinich air neach a tha air a bhith cudromach ann a bhith a' cruthachadh d' aithne. Is dòcha gur ann air sgàth 's gu bheil iad gad bhrosnachadh, no air sgàth 's gu bheil iad na dheagh eisimpleir dhut. Sgrìobh mun àite aca nad bheatha, cò iad agus carson a tha iad cudromach dhut. Dh'fhaodadh tu cuideachd beachdachadh air an coltas agus dèan dealbh dhiubh, , a' cruthachadh dealbh-èibhinn (gràdhach) air am b' urrainn dhut sgrìobhadh no fo-thiotalan a sgrìobhadh airson a dhol còmhla ris. Ciamar a thug iad buaidh ort gus a' ghairm a fhreagairt?