Looking for all Articles by Nyla Ahmad?

Sgeulachdan Alba – Gluasad Sgrìobhaidh: Brisidhean-latha

Gluasad sgrìobhaidh sgeulachd air a bhrosnachadh le Sgeulachdan Alba: Iomairt Dòchais.

Language: Gaelic

Last updated: 08 July 2024

Tha Urras Leabhraichean na h-Alba ag iarraidh air daoine air feadh Alba an sgeulachdan fìor agus pearsanta fhèin mun chuspair Dòchas a chur a-steach.

Brisidhean-latha

Uaireannan, tha feum againn air dòchas gus co-dhùnaidhean doirbh a dhèanamh agus tòiseachadh a-rithist. Gus an sglèat a ghlanadh agus ar beatha ath-ùrachadh. A bheil àm ann nuair a thuig thu gun robh thu air bruach fàire ùr? Airson pròiseact Sgeulachdan Alba na bliadhna seo, tha sinn ag iarraidh air muinntir Alba innse dhuinn mu an sgeulachdan fìor a thaobh brisidhean-latha ùra a thug dòchas dhaibh, no a thàinig bho bhith a’ dùirigeadh air a bhith dòchasach mu rudeigin ùr.  

Uaireannan, bidh nithean math a’ tuiteam às a chèile, gus an urrainn nithean nas fheàrr tuiteam còmhla.

- Marilyn Monroe

Blàthachadh

A-muigh ann an nàdar

Nuair a tha amannan a’ gluasad, faodaidh ath-chonaltradh leis an t-saoghal nàdarra uaireannan fois agus sealladh a thoirt thugainn. Lorg beagan ùine airson a chur seachad ann an nàdar no ath-chuimhneachadh air àm nuair a bha thu a’ faireachdainn dlùth don chruth-tìre. Ma tha thu a’ strì ri fear a dhèanamh suas, dh’fhaodadh tu dealbhan no bhidiothan de shealladh nàdair a choimhead suas airson brosnachadh. A-nis, suidhich tìmear airson còig mionaidean agus feuch ri nas urrainn dhut de fhacail agus abairtean a sgrìobhadh, a tha air am brosnachadh leis na h-àiteachan sin. Smaoinich air na seallaidhean, fàilidhean agus faireachdainnean. Ciamar a bha a’ ghaoth a’ faireachdainn air d’ aodann? Dè a’ phlanntrais no beathaichean a chunnaic thu? 

Dian-bheachdachadh

Theirig tro na dealbhan camara air a’ fòn agad, albam dhealbhan no cruinneachadh de dhealbhan air-loidhne agus tagh ìomhaighean sam bith le nàdar annta. Dh’fhaodadh gur e fèineag air a togail a-muigh air saor-làithean no eun no flùr a ghlac d’ aire. Tagh trì de na dealbhan sin agus sgrìobh mun cho-theacsa san deach an togail. An robh thu a’ dol a dh’àiteigin cudromach no an robh a’ mhòmaid seo air a piobrachadh le rudeigin àraid. Dè thachair an dèidh don ìomhaigh a togail? Am b’ e toiseach rudeigin ùr a bh’ ann?

Tòisich a sgrìobhadh

Seusanan ùra

A’ cleachdadh nan gluasadan gu h-àrd mar bhrosnachadh, smaoinich air àite aig an robh pàirt chudromach a thaobh thusa a’ tòiseachadh caibideil ùr nad bheatha. Thoir iomradh air mar a thug an làrach buaidh ort agus mar a thug e ort smaoineachadh gun robh an t-àm ann air atharrachadh a dhèanamh. Dh’fhaodadh gur e tadhal air àite a thuig thu gu am feumadh tu gluasad, no mòmaid chiùin ann an nàdar a tha a’ cur nithean ann an sealladh cothromach. 

Chan eil sam bith fo bhlàth fad na bliadhna

Uaireannan, feumaidh sinn stad agus fois a ghabhail mus dèan sinn an ath ghluasad. Smaoinich air àm meòrachaidh nad bheatha a thàinig ro briseadh-latha ùr. Dè bha thu a’ faireachdainn aig an àm? Cò ris a bha do bheatha coltach? An robh dòchas uile air a chall, ach air a lorg a-rithist? 

Buaidh dealan-dè

Smaoinich air mòmaid chudromach nad bheatha agus beachdaich air dè a chuir a dhol i.  Feuch ri leantainn air ais cho fada ’s a ghabhas. Uaireannan, is e na gnìomhan as lugha a tha a’ faireachdainn aig a bheil na builean as motha. Dh’fhaodadh gur e facal coibhneil bho choigreach a bh’ ann, pìos beag comhairle no soidhne bhon t-saoghal nach do thuig thu ann an da-rìribh ach an dèidh tachartasan a thighinn gu bith. Sgrìobh mu dheidhinn mòmaid a thòisich mar ghràinean sìl agus a dh’fhàs.