Looking for all Articles by Philippa Cochrane?
Sanas sgrìobhaidh Sgeulachdan na h-Alba: Tòiseachadh ùr
Sanas sgrìobhaidh air a bhrosnachadh leis an iomairt againn Sgeulachdan na h-Alba: Dànachd.
Tha sinn uile a' miannachadh tòiseachadh ùr. Tha rudan air nach eilear eòlach a' toirt togail dhuinn agus gar brosnachadh gus sinn fhèin no an t-slighe air a bheil sinn a thionnsgail. Tha na sgeulachdan dàna seo nan sgeulachdan mu na h-atharrachaidhean a rinn sinn nar beatha, a tha gar toirt gu rudeigin gu tur ùr. Ged a dh'fhaodadh tòiseachadh ùr tighinn bho suidheachadh dùbhlanach no ris nach robhar an dùil, 's iad seo ach sgeulachdan dòchais – sgeulachdan mu na h-amannan far an do dh'fhàg sinn rudeigin air ar cùlaibh, far an robh d' mhisneachd againn caibideil ùr a thòiseachadh agus gluasad air adhart nar beatha.
Tha sgrìobhadh bàrdachd mar deagh dhoigh airson mìneachadh atharraichean nar beatha. Bidh sinn gu tric a' tarraing air ìomhaighean beairteach agus meatafor gus mìneachadh a thoirt air suidheachadh iomadh-fhillte. Bheir sgrìobhadh dàn mu shuidheachadh iomadh-fhillte cothrom dhuinn sgrùdadh a dhèanamh air an suidheachadh bho dhiofar sheallaidhean agus raon de fhaireachdainnean a thaisbeanadh gu sìmplidh agus le tuigse.
Eacarsaich blàthachaidh: Bidh a h-uile càil ag atharrachadh
Ceum 1: Sgrìobh liosta de 3 rudan a tha thu a' smaoineachadh air an gabh ìomhaighean de dh'atharrachadh/tòiseachadh ùr a thaisbeanadh. Mar eisimpleir bratag gu bhith na dhealan-dè.
Ceum 2: Camara Zoom – airson an eacarsaich seo, bheir a chreid gu bheil camara mothachaidh draoidheil agad a bhios chan ann a-mhàin a’ togail dhealbhan no dèanamh film ach a bhios cuideachd a' clàradh fuaim, suathadh, fàileadh agus blas. Tagh an ìomhaigh as fheàrr leat agus sgrìobh mu dheidhinn gu goirid bho thrì dhiofar sheallaidhean:
- Dè tha thu a' faicinn (agus dè nach fhaic thu) ma tha thu a' coimhead air bho astar tro lionsa farsaing?
- Dè tha thu a' faicinn agus a' cluinntinn ma tha sealladh dlùth agad air?
- Dè tha tachairt ma thionndaidheas tu do chamara air falbh bhon atharrachadh, air a h-uile sian eile a tha a' tachairt timcheall air?
Beachdaich: A' mapadh an dànachd
Smaoinich air an eòlas agad fhèin air atharrachaidhean. Dè na h-atharrachaidhean a tha air a bhith nan dàna as motha dhut? Dè an toiseachadh ùr a tha thu airson sgrìobhadh mu dheidhinn?
- Tog thugad pìos mòr pàipear, tionndaidh e gu cruth-tìre (nas fharsainge na tha e àrd) agus tarraing loidhne chòmhnard thairis air a' mheadhan.
- Dèan puing aig meadhan na loidhne. 'S e seo cridhe do dhànachd, nuair a bha thu an deas meadhan d’ atharrachadh.
- Dèan puing san earrann chlì air an loidhne. Seo far a bheil an atharrachaidh agad a tòiseachadh, a' chiad cheum agad – tha a h-uile sian air taobh clì na puinge seo air tachairt 'roimhe'.
- Dèan puing san earrann dheas air an loidhne. Seo nuair a thàinig crìoch air an atharrachadh agad, nuair a ghabh thu do cheum mu dheireadh, tha a h-uile sian air taobh deas na puinge seo air tachairt 'às dèidh'.
Smaoinich a-rithist air a' chamara bhon chiad eacarsaich – agus cleachd an dòigh sin gus notaichean a dhèanamh mu na thig nad inntinn nuair a smaoinicheas tu air do thoiseachadh ùr bho gach pàirt den loidhne. Mar eisimpleir:
- Nam biodh tu nad sheasamh aigcridhe do dhànachd agus a' coimhead air ais, cò ris a bhiodh 'roimhe' coltach bho astar?
- Dè bha ri fhaicinn nuair a bha sealladh dlùth agad a tha a' toirt na ciad ceumanan agad beò a-rithist?
- Dè cho eadar-dhealaichte sa tha thu a' faireachdain ma sheallas tu air bhon chiad cheum, bho chridhe a' dhànachd no ma thionndaidheas tu air ais, gus sealladh fhaighinn air 'às dèidh'?
Faodaidh notaichean a bhith nam faclan singilte, ìomhaighean, mothachaidhean, tuairisgeul air tachartasan fìor – ge bith dè as toil leat.
Tòisich a' sgrìobhadh
A' cleachdadh mapa do dhànachd agus an cruinneachadh d' dhealbhan bhon obair blàthachaidh, sgrìobh dàn a ghlacas an tòiseachadh ùr nad bheatha. Bhiodh e sìmplidh gu leòr 3 rannan a sgrìobhadh, aon mun chiad cheum agad, aon mu bhith deas mheadhan an dànachdagus aon mun cheum mu dheireadh agad, ach faodaidh tu gluasad timcheall a' mhapa agad ge bith dè as toil leat.
A bheil aon mhòmaid anns na notaichean agad a tha a' seasamh a-mach dhut? A bheil ìomhaigh bhon liosta agad gu h-àrd a tha a' mìneachadh gu dìreach is soilleir mar a dh'atharraich thu eadar ro agus às dèidh? An d' thàinig an t-atharrachadh as motha anns na rinn thu neo mar a bha thu a' faireachdainn?