Looking for all Articles by Philippa Cochrane?

Sgeulachdan Alba – Gluasad Sgrìobhaidh: Tha an nì as fheàrr ri thighinn

Gluasad sgrìobhaidh sgeulachd air a bhrosnachadh le Sgeulachdan Alba: Iomairt Dòchais.

Language: Gaelic

Last updated: 08 July 2024

Tha Urras Leabhraichean na h-Alba ag iarraidh air daoine air feadh Alba an sgeulachdan fìor agus pearsanta fhèin mun chuspair Dòchas a chur a-steach.

Tha an nì as fheàrr ri thighinn

A bheil thu ag obair a dh’ionnsaigh rudeigin mòr? Eadar gur e bhith a’ lorg na dreuchd as fheàrr, gluasad a dh’àiteigin air an robh thu ag aisling a-riamh mu bhith a’ fuireach ann, no rudeigin nas pearsanta, ar dòchasan is aislingean cudromach oir tha iad gar cumail a’ com-pàirteachadh ann an sgeulachd ar beatha fhìn. Fiù ann an amannan doirbh, faodaidh an creideas a tha sinn a’ cur annainn fhìn ar toirt nas dlùithe don àm ri teachd a tha sinn a’ sùileachadh.  

Chan eil nì coltach ri aisling gus àm teachdail a chruthachadh

- Victor Hugo

Blàthachadh: Ag aisling mun Àm ri Teachd

Glè thric, tha puing tòiseachaidh do phlana no do dh’amas mar aisling gun fheum – a’ coimhead a-mach air an uinneig agus a’ smaoineachadh ‘dè nam biodh’. Faodaidh a bhith a’ gabhail tìde airson na tha thu a’ smaoineachadh sna mòmaidean sin a ghlacadh, a bhith na stèidh-leum don sgeulachd a tha thu airson innse thu fhèin.  

Le duilleag pàipeir mhòr fhalamh agus peansail, dùin do shùilean no coimhead a-mach air an uinneig agus ceadaich dhut fhèin air meòrachadh mun àm ri teachd agad. 

Sgrìobh sìos no tarraing na leanas fhad ’s a tha thu ag aisling: 

Dian-bheachdachadh

Dòchasan chloinne

Smaoinich air na b’ àbhaist dhut freagairt mar phàiste nuair a dh’fhaighnich cuideigin dhut dè bha thu ag iarraidh a bhith nuair a dh’fhàsadh tu suas. Cuimhnich air mar a bha thu a’ faireachdainn – dè bha a’ faireachdainn brosnachail mun fhreagairt agad? Ciamar a bha thu a’ faireachdainn? Cò ris a bha thu a’ smaoineachadh a bhiodh tu coltach san àm ri teachd? Gabh nota de na nithean a bha thu air a dhìochuimhneachadh no a tha thu airson a chumail bho d’ amasan òigridh. 

Leudachadh – Ma tha thu air a shon, dh’fhaodadh tu còmhradh a sgrìobhadh a bhiodh agad fhèin ’s tu òg, leat fhèin ’s tu mar inbheach, mu do dhòchasan san àm ri teachd agad.

Sgrìobhadh an ama ri teachd

Smaoinich air an adhartas agad a dh’ionnsaigh an ama ri teachd agad, mar fhilm sa bheil thu nad phrìomh charactar. Gabh notaichean mu choinneamh gach ceum gu h-ìosal gus structar sgriobt a thogail don fhilm mu leantainn na h-aisling agad.

Tha structar an sgriobt stèidhichte air Cearcall Sgeulachdan Dan Harmon.

Thusa – Thusa a-nis, nad bheatha àbhaisteach

Dòchas – An aisling a dh’fheumas tu a ruighinn.

Falbh – Dè a’ chiad nì a dh’fheumas tachairt gus d’ aisling a dhèanamh fìor? 

Roinn – Cò ris a bhruidhneas tu mun dòchas agad – cò as urrainn do chuideachadh air an t-slighe? 

Lorg – Tha d’ aisling a’ tighinn gu bith. 

Gabh – Ciamar a tha e diofraichte bhon nì ris robh dùil agad? 

Till – Cò ris a bhios do bheatha làitheil coltach aon uair ’s gun coilean thu do dhòchas? 

Atharraich – Ciamar a tha thu a’ smaoineachadh a dh’atharraicheas tu sa phròiseas? 

Cliath 9-pannal

Tarraing cliath 9-pannal air duilleag pàipeir A4 le bhith a’ tarraing 3 loidhnichean tarsainn agus 3 loidhnichean dìreach air an duilleig, a’ cruthachadh phannalan de mheud co-ionann. 

Coimhead ris na trì pannalan a tha a’ ruith gu trastach bhon mhullach clì chun a’ bhonn deas. Sa mhullach clì, cuir notaichean mu dheidhinn far a bheil thu a-nis nad bheatha, sa phannal meadhain cuir notaichean mu dheidhinn far am bi thu letheach slighe air do thuras gu tuigsinn do dhòchais airson an ama ri teachd, agus sa bhonn deas cuir notaichean mu dheidhinn far a bheil thu airson crìochnachadh.  

A-nis cleachd na sia pannalan a tha air fhàgail gus na beàrnan san sgeulachd a lìonadh a tha thu a’ faicinn dhut fhèin. Thoir iomradh air ais air an fhiosrachadh, ìomhaighean is beachd-smuaintean bho gach aon de na h-eacarsaichean a rinn thu gu ruige seo. Sgrìobh sìos còmhradh sam bith no aithris a bu mhath leat a nochdadh anns gach pannal.

Aon uair ’s gu bheil toiseach sgriobt agad, tarraing sgeulachd do dhòchais don àm ri teachd anns na pannalan.