Looking for all Articles by Rachel Gray?
Sgeulachdan Alba – Gluasad Sgrìobhaidh: Solais stiùiridh
Gluasad sgrìobhaidh sgeulachd air a bhrosnachadh le Sgeulachdan Alba: Iomairt Dòchais.
Tha Urras Leabhraichean na h-Alba ag iarraidh air daoine air feadh Alba an sgeulachdan fìor agus pearsanta fhèin mun chuspair Dòchas a chur a-steach.
Solais stiùiridh
Cò ris a tha thu a’ coimhead nuair a tha cùisean doirbh? Na daoine sa bheil earbsa agad airson sealladh cothromach a thoirt dhut, a’ toirt gàire air d’ aodann no dìreach a’ leigeil leat do bheachdan a nochdadh. Tha earbsadh ann an càch a’ dèanamh ar duilgheadasan faireachdainn nas fheàrr. Tha sinn a’ tuigsinn gu bheil iadsan cuideachd air dèiligeadh ri cruaidh-chàs agus air neart a lorg gu cumail a’ dol – an neart a tha iad a-nis a’ nochdadh air ais oirnne.
Cuidichidh an eacarsaich sgrìobhaidh seo thu gu tachartasan a rannsachadh far an tug daoine eile dòchas dhut, tro sgrìobhadh obrachail. Is e seòrsa de sgrìobhadh a th’ ann an sgrìobhadh obrachail a tha feumail – airson nithean mar leabhraichean-làimhe, reasabaidhean, cuiridhean, sanasan, liostaichean ri dhèanamh …
Dh’fhaodadh an sgeulachd agad a bhith mar liosta de dhòighean air a bheil neach air do chuideachadh tro àm a bha doirbh, iomradh a thoirt air an neach a bha a’ creidsinn annad nuair nach robh neach eile, no reasabaidh air mar a thug neach neart dhut cumail a’ dol. Ma thug cuideigin dòchas dhut san àm a dh’fhalbh, b’ fhìor thoigh leinn leughadh mu dheidhinn!
Blàthachadh
Mòmaid de dhòchas
Gus do chruthachalachd a phiobrachadh, tòisich le gnìomh blàthachaidh. Smaoinich air mòmaid shònraichte nuair a bha agad ri faighinn seachad air duilgheadas. Thoir iomradh air an t-suidheachadh. Càite an robh thu? Thoir iomradh air an àite mun cuairt ort. Dè thachair? Ciamar a bha thu a’ faireachdainn sa mhòmaid sin?
Smaoinich air na faireachdainnean agad. Dè chitheadh tu mun cuairt ort? Dè a chluinneadh tu? An robh thu ann an àrainneachd thrang, an robh thu ann an nàdar, an cluinneadh tu càraichean a’ dol seachad? Dè bha thu a’ faireachdainn mun cuairt ort, a’ ghaoth air do chraiceann, an sòfa fodhad, ’s dòcha an cupan a bh’ agad nad làimh.
Stèidhich tìmear airson 5 mionaidean de sgrìobhadh saor. Is e cleachdadh a th’ ann an sgrìobhadh saor far a bheil thu a’ sgrìobhadh airson ùine shònraichte gun dad a dhubhadh às no rud sam bith a sgòradh às. Na leugh thairis air na tha thu air a sgrìobhadh nas motha – cùm a’ sgrìobhadh gus an tèid an tìmear dheth. Tha seo dìreach airson d’ eanchainn a chur a dhol agus do dhèanamh deiseil airson sgrìobhadh.
Nuair a tha na 5 mionaidean suas, thoir sùil air na tha thu air a sgrìobadh. Dè tha a’ seasamh a-mach dhut bhon sgrìobhadh agad? An tàinig nì sam bith an-àird ris nach robh dùil agad? Fo-sgrìobh no tog air nì sam bith a tha thu a’ faighinn inntinneach no airson tilleadh thuige.
Dian-bheachdachadh
A-nis on a tha thu air blàthachadh, tha an t-àm ann tòiseachadh air sgrìobhadh obrachail. Tha mòran diofar chruthan a dh’fhaodas a bhith air an seo – nì sam bith a tha feumail do dh’adhbhar.
Faigh pìos pàipeir (no duilleag ùr san sgrìobhainn agad) agus tòisich a’ dian-bheachdachadh air beachd-smuaintean don phìos agad, stèidhichte air diofar chruthan de sgrìobhadh obrachail. Dh’fhaodadh cuid de na beachd-smuaintean a bhith:
- Aithisg saidheans sgoile mun neach-teagaisg bhrosnachail as fheàrr leat.
- Cuireadh gu pàrtaidh caraid a chuidich thu ann an àm feum.
- Stiùiridhean chun an àite far an robh e comasach dhut duilgheadas a roinn le cuideigin a b’ urrainn do chuideachadh.
- Liosta de nithean a tha a’ toirt dòchas dhut.
Feuch ri tighinn suas le co-dhiù còig bheachd-smuaintean.
Tòisich a sgrìobhadh
Aon uair ’s gu bheil rudeigin agad a tha gad bhrosnachadh, tha an t-àm ann tòiseachadh a sgrìobhadh! Faodaidh tu do sgeul innse agus cuspair dòchais eadar-mhìneachadh ann an dòigh sam bith a bu mhath leat – cho fada ’s a tha am pìos ag innse sgeulachd fhìor de dhòchas.
Cleachd an eacarsaich blàthachaidh agad gus cuideachadh le do sgrìobhadh a stiùireadh nuair a thig duilgheadas. Smaoinich air ais gu na fuaimean, fàilidhean agus faireachdainnean na mòmaid a tha thu a’ roinn, a thuilleadh air na faireachdainnean a bha agad aig an àm agus na faireachdainneana th’ agad mu ath-innse aig an àm seo.