Looking for all Articles by Abi Baross?
Sanas sgrìobhaidh Sgeulachdan na h-Alba: Nuair a bha sinn òg
Sanas sgrìobhaidh air a bhrosnachadh leis an iomairt againn Sgeulachdan na h-Alba: Dànachd.
Tha sinn air ar cuartachadh le dànachd nar n-òige – àm nuair a tha a h-uile sian a' faireachdainn ùr. Ge bith an e geama mac-meanmnach anns an raon-cluiche a th' ann, cuairt deugaire anmoch air an oidhche, no àm anns an do dh'fheuch thu rudeigin ùr, thabliadhnaichean ar n-òige làn sgeulachdan.
Cuidichidh an eacarsaich sgrìobhaidh seo thu sgrùdadh a dhèanamh air dànachd d' òige tro sgrìobhadh gnìomhach. Tha sgrìobhadh gnìomhach mar seòrsa de sgrìobhadh airson adhbhar– leabhraichean-iùil, reasabaidhean, litrichean, cuiridhean, sanasan, liostaichean ri-dhèanamh. . .
Dh'fhaodadh am pìos agad a bhith na litir gu do chuid fhèin nad òige bhuat fhèin an-dràsta (no a chaochladh!), leabhar-iùil airson fear de na cuimhneachain leanabachd as fheàrr agad ath-chruthachadh, no reasabaidh airson cuairt sònraichte. Cho fad 's a bheir thu sinn air dàna-thuras bho d' fhìor òige , thig sinn còmhla airson an turas!
Eacarsaich blàthachaidh: dàna-thuras mothachaidh
Till air ais gu àite bho d' òige – dh'fhaodadh gur e seo seòmar-cadail d' òige, raointean cluiche na h-àrd-sgoile agad, am bus a bhiodh gad thoirt dha na bùthan. Smaoinich air na rudan a bha thu a' fàileadh, faicinn, cluinntinn, feuchainn no làimhseachadh. Ciamar a bha thu a' faireachdainn san àite sin? An robh an suidheachan sgrìobach, cruaidh, bog? Smaoinich air cò eile a bhiodh ann, dè na dathan a chitheadh tu, an robh e fuaimneach no sàmhach. Feuch ri bhith cho mionaideach 's a ghabhas – ge bith an e fàileadh sgòthan Lynx anns na taighean beaga, sgrìob cailc air a’ bhòrd no sgiobhail gheamannan saor-làithean samhraidh, cuidichidh e an leughadair a dhol am bogadh san t-saoghal agad.
Comharraich uaireadair airson còig mionaidean agus feuch ri sgrìobhadh mun àite seo gun stad gus an tèid e dheth. Seo dòigh sgrìobhadh ris an canar 'sgrìobhadh saor' – chan eil ann ach aon riaghailt – nach atharraich no nach ceartaich thu rud sam bith, cha dean math dhut leughadh thairis gus an tig na còig mionaidean gu crìch, agus na gabh dragh ma tha e 'math' no nach eil! Tha seo dìreach airson do pheann agus d' eanchainn a chumail a dol – smaoinich air mar eacarsaich sìneadh air thoiseach air rèis fhada. Ma thèid d' inntinn a' dol air seachran anns na còig mionaidean, smaoinich air aon de na mothachaidhean agad gus do thoirt air ais don àite sin.
Nuair a bhios na còig mionaidean agad seachad, gabh mionaid airson leughadh thairis air na tha thu air sgrìobhadh. A bheil faireachdainnean no smuaintean sam bith a' seasamh a-mach dhut? An tàinig dad air ais thugad ris nach robh dùil agad? Cuir loidhne no dath air faclan no abairtean sam bith a tha a' togail d' aire no a' seasamh a-mach.
Beachdaich
Tha an t-àm ann a-nis tòiseachadh a' smaoineachadh mu sgrìobhadh gnìomhach. Tha tòrr diofar cruthan a ghabhas seo a dhèanamh – cho fad's a tha e a' freagairt adhbhar.
Tog thugad pìos pàipear (no fosgail duilleag ùr air an sgrion) agus tòisich a' cnuasachadh bheachdan airson do phìos stèidhichte air diofar dhòighean sgrìobhadh gnìomhach. Dh'fhaodadh tu beachdachadh air:
- Aithisg saidheans sgoile mun chiad romansach agad
- Cuireadh chun a' phàrtaidh allaidh sin, no saor-làithean òige as fheàrr leat
- Stiùireadh airson do choiseachd dhachaigh bhon sgoil – dè na comharran-stiùiridh a chunna tu? Dè na cuimhneachain a tha co-cheangailte ris na h-àiteachan air an deach thu seachad?
- Litir gu (no bho!) d' òige fhèin – dè an dànachd a bhiodh tu airson innse dhut fhèin mu dheidhinn dreach eile dhiot fhèin?
Feuch ri co-dhiù 10 beachdan a chruinneachadh.
Tòisich a' sgrìobhadh
Aon uair 's gu bheil rudeigin agad a tha gad fhàgail air bhioran, tha an t-àm ann tòiseachadh a' sgrìobhadh! Faodaidh tu do sgeulachd innse agus cuspair dànachd a mhìneachadh ann an dòigh sam bith a thogras tu – cho fad 's a tha am pìos ag innse sgeulachd fìor mu dànadas agad.
Cleachd an eacarsaich blàthachaidh airson stiùireadh nuair tha thu stuigte. Smaoinich air fuaimean, fàilidhean, agus gleadhraich an dànachd a tha thu a' roinn, a bharrachd air na faireachdainnean a bh' agad aig an àm agus na faireachdainnean agad ga ath-innse bliadhnaichean às a dhèidh.